Leis a' Mhaighdeann
A’ chiad sreath | First Line
Tar-sgriobhadh | Transcription
LEIS A' MHAIGHDEANN
Beulaiche: Iain Dhòmhnaill Iain Lachlainn | John Alex MacEachern
[Séist]: Leis a' Mhaighdeann, o hao,
Leis a' Mhaighdeann, o ro,
Beul an anmoich, o hao,
Rinn sinn falbh leath' fo sheòl.
Seo an geamhradh, o hao,
Rinn an call oirnn, o ro,
Soitheach Frangach, o hao,
Chaidh air chall far Ceap George.
'S ann DiLuain ann, o hao,
Rinn sinn gluasad, o ro,
Feadh nan cuaintean, o hao,
Thug sinn uaislean air bòrd.
Thuirt mo mhàthair, o hao,
'S truagh a tha mi, o ro,
Tha mo chàirdean, o hao,
'S fhear no dhà dhiubh air bòrd.
Seachad aoibhneas, o hao,
Am beul na h-oidhcheadh, o ro,
Las sinn coinnlean, o hao,
Chuir a chombaist air dòigh.
'S bha i 'séideadh, o hao,
An fhairg' ag éirigh, o ro,
Cha bu léir dhuinn, o hao,
Nì fo 'n gréin ach na neòil.
'S bha i 'g aoidion, o hao,
Mu 'n chrann-thosich, o ro,
Fhir 'ga taomadh, o hao,
Gillean sgairteil air bòrd.
'S thuirt a' sgiobair, o hao,
Ri chuid ghillean, o ro,
Glacaibh misneach, o hao,
'S cuiribh riof a's an t-seòl.
Riof 's an topsail, o hao,
'Deànamh snòg i, o ro,
Bithibh faiceallach, o hao
Nach tig dosgainn 'nar còir.
Seachad Àros, o hao,
Bha i gàbhaidh, o ro,
Ceann Loch Àlainn o hao,
Chuir sinn càbull fo sròin.
Notes (fieldnotes):
Appears to have both Nova Scotia and Scotland verses, with references to both Cape George and Loch Àlainn.