LEIS A' MHAIGHDEANN Beulaiche: Iain Dhòmhnaill Iain Lachlainn | John Alex MacEachern [Séist]: Leis a' Mhaighdeann, o hao, Leis a' Mhaighdeann, o ro, Beul an anmoich, o hao, Rinn sinn falbh leath' fo sheòl. Seo an geamhradh, o hao, Rinn an call oirnn, o ro, Soitheach Frangach, o hao, Chaidh air chall far Ceap George. 'S ann DiLuain ann, o hao, Rinn sinn gluasad, o ro, Feadh nan cuaintean, o hao, Thug sinn uaislean air bòrd. Thuirt mo mhàthair, o hao, 'S truagh a tha mi, o ro, Tha mo chàirdean, o hao, 'S fhear no dhà dhiubh air bòrd. Seachad aoibhneas, o hao, Am beul na h-oidhcheadh, o ro, Las sinn coinnlean, o hao, Chuir a chombaist air dòigh. 'S bha i 'séideadh, o hao, An fhairg' ag éirigh, o ro, Cha bu léir dhuinn, o hao, Nì fo 'n gréin ach na neòil. 'S bha i 'g aoidion, o hao, Mu 'n chrann-thosich, o ro, Fhir 'ga taomadh, o hao, Gillean sgairteil air bòrd. 'S thuirt a' sgiobair, o hao, Ri chuid ghillean, o ro, Glacaibh misneach, o hao, 'S cuiribh riof a's an t-seòl. Riof 's an topsail, o hao, 'Deànamh snòg i, o ro, Bithibh faiceallach, o hao Nach tig dosgainn 'nar còir. Seachad Àros, o hao, Bha i gàbhaidh, o ro, Ceann Loch Àlainn o hao, Chuir sinn càbull fo sròin.