Back to recordings

An Cnoc Sìdhe

0:00
0:00 Download MP3

Tar-sgriobhadh | Transcription

Download transcription

GF237i07 AN CNOC SÌDHE


Beulaiche: Màiri Anna ni'n Eilidh Eachainn Eòin | Mary Ann MacKenzie



Oidhch' a' bhliadhn' ùr, tha mi 'n dùil, bha a' fear seo 'falbh a' coiseachd 's companach còmh' ris, is buideal air a' ghualainn. 'S bha 'ad 'coiseachd siùbhalach. Shaoil gun cual' 'ad ceòl, 's chaidh 'ad far an robh 'ad 'smaoinntinn gun cual' 'ad a' cheòl, 's bha e, dé bh' ann ach cnoc sìdhe. Bha doras fosgailte, 's chaidh 'ad a-staigh, 's mar a bha 'ad a' cantail gun cuireadh tu pìos do dh'iarann 'san dorast, gu faigheadh tu 'mach 'rithist.


Co-dhiù, bha 'ad a 'dannsa, 's na sìtheanaich, bha 'ad a' dannsa 's a' dannsa, is chaidh a' fear leis a' bhuideil air a' ghualainn, chaidh e—bha e 'dannsa còmh' riuth'. 'S bha 'ad a' dannsa 's a' dannsa gun d' thàinig e meadhan oidhche, 's uill, fear a bha còmh' ris, thuirt e,


"Tha an t-àm againn a bhi 'dol dhachaigh."


"O, cha do chuir mise crìoch air a' ruidhle tha mi 'dannsa."


Uill, nam fanadh a' fear eile, bhiodh 'ad ann fhathast. Dh'fhalbh e co-dhiù, is dh'fhàg e ann e.
Co-dhiù, an ceann na bliadhna, smaoinich gu rachadh e dha'n aon àit' a choimhead fiach a faigheadh e—an robh e ann. 'S chaidh e dha 'n àite far na dh'fhàg e e, is chaidh e a-staigh. 'S bha e 'dannsa is buideal air a' ghualainn mar a dh'fhàg e e.


Thuirt e ris, ars' esan "Thugainn, tha an t-àm againn a' dol dhachaidh dhut."


"Cha do chuir mi crìoch air a' ruidhle fhathast!"


Agus co-dhiù, nuair a choimhead 'ad, bha buidseal—cha robh sian ann, bha e tioram.


Mary Anne MacKenzie
Drochaid Uaiseabuc | Washabuck Bridge 3 recordings Faic pròifil | view profile