GF237i04 CUMHA EÓGHAINN 'AC A' PHÌ Beulaiche: Eòs Ailean mac Ruairidh Chaluim Ghobha | Joe Allan MacLean [Joe Allan MacLean]: 'S ann feasgar Disàthuirn' 's mi ri 'gabhail a' rathaid Chunnachas bàta 'dol seachad gun chrann gun acair gun seòl 'S i ag iomain gu tràigh ann, bha i stràct' air a beòil Gu robh an t-òganach sàr-mhath air a chlàr 's e gun deò Ach Eóghainn an céil' ud' cha bu mhisd' thu na càch Ged a dh' fhàg mi thu an deurach chan ann a lethuair na 'g ràdhainn Gabhaidh [mi òigear?] do leisgeul mar a fhreagras an dàn Cha robh m' eòlas ach beag ort 's cuir gu beagan an gnàth 'S gu bheil d' athair is do mhàthair 's e do bhàs rinn am bròn Tha do pheathraichean cràiteach 's tha 'ad ri phasgadh nan dòrn Gu bheil Dòmhnall 's clann athair dha a' tràthadh le deòir 'S cianail [ galld'/dhalt'? ] a rinn òigear is [leatrom òg/leatromach?] air a glùin Dh' fhàg thu cuimhneachan brònach, a chì sinn còmhnuidh a-chaoidh Dh' fhàg thu fhìdheall 'na seòmbar 's chleachd thu ceòl oirr' le sunnd Ach a Chaimbeulaich ghasta cha robh mearachd nad shùil Mar a nì thu cur saighead 'sa a' chleachd thu e dlùth O ghualainn gu sliasaid [ thu? ] [làn fiaradh?] nam bòrd Tha do chàirdean glé chianail o [latha gu chiad làmh?] air stiùir Bha thu riamh mar fear tapaidh 'mach á Barraidh no 'm Bàigh Thog thu siùil ris na crannan [mur/muir/nuair?] nach càraicheadh càch. Fear a bha seo, bha e 'coiseachd sìos a' rathad latha. [John Shaw]: Eòghann Mac a' Phì a bh' ann. [JAML]: Eòghann Mac a' Phì. Eòghann na [Ceileige?] [JS]: Sheadh. [JAML]: Tha seansa gur ann rathad na Seann Dùthcha thall a thachair seo.