Òran an Taghaidh am Baghasdail
A’ chiad sreath | First Line
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF235i03 ÒRAN AN TAGHAIDH AM BAGHASDAIL
Beulaiche: Dòmhnall Nìll Eòin Mhóir | Dan Neil MacNeil
Tar-Sgrìobhadh: Froilig Thar-Sgrìobhadh air Loidhne | Online Transcription Frolic 2023-11-27
Séist: Fàill ill o agus ho ro chan eagal dhuinn
Air fàill ill o agus ho ro chan eagal dhuinn
Air fàill ill o agus ho ro chan eagal dhuinn
G'eil na Grits am bliadhna ag iarraidh reciprocity
Mìcheal Pheadair shìos ud gum b' fhiadhaich 'sa mhadainn e
Chuir e dheth a bhrògan 's a chòta 's a' Cheannadach
Bha na Grits cho leòmach "Good morning my fair man"
Nuair a chaidh a bhòtadh an tòraidh a bh'againne
Mo bheannachd air na Steelich 'is Mìcheal mo charaide
Esan maca dìleas gu cinnteach gur math leam e
Alasdair mo bhràthair a [reubairneach/riobaineach?] damainte
Feumaidh e dol ann am bàt' agus faistidh mi d' anam as.
Eòghann MacFhionghain, chan eil fhios a'm dé th' annasan
Bidh 'adsan tric timcheall an taigh agam
Chunnaic e 'san oidhche soillse chur annas air
Grits a' dol dha 'n pharcaidh is [hand spike?] a' fear aca