GF235i03 ÒRAN AN TAGHAIDH AM BAGHASDAIL Beulaiche: Dòmhnall Nìll Eòin Mhóir | Dan Neil MacNeil Tar-Sgrìobhadh: Froilig Thar-Sgrìobhadh air Loidhne | Online Transcription Frolic 2023-11-27 Séist: Fàill ill o agus ho ro chan eagal dhuinn Air fàill ill o agus ho ro chan eagal dhuinn Air fàill ill o agus ho ro chan eagal dhuinn G'eil na Grits am bliadhna ag iarraidh reciprocity Mìcheal Pheadair shìos ud gum b' fhiadhaich 'sa mhadainn e Chuir e dheth a bhrògan 's a chòta 's a' Cheannadach Bha na Grits cho leòmach "Good morning my fair man" Nuair a chaidh a bhòtadh an tòraidh a bh'againne Mo bheannachd air na Steelich 'is Mìcheal mo charaide Esan maca dìleas gu cinnteach gur math leam e Alasdair mo bhràthair a [reubairneach/riobaineach?] damainte Feumaidh e dol ann am bàt' agus faistidh mi d' anam as. Eòghann MacFhionghain, chan eil fhios a'm dé th' annasan Bidh 'adsan tric timcheall an taigh agam Chunnaic e 'san oidhche soillse chur annas air Grits a' dol dha 'n pharcaidh is [hand spike?] a' fear aca