Back to recordings

'S e 'n Tinneas Trom an Lòinidh (le naidheachd agus beatha-eachdraidh John Walker)

0:00
0:00 Download MP3

A’ chiad sreath | First Line

Tar-sgriobhadh | Transcription

Download transcription

GF235i02 'S E 'N TINNEAS TROM AN LÒINIDH (LE NAIDHEACHD AGUS BEATHA-EACHDRAIDH JOHN WALKER)


Beulaiche: Iain Dhòmhnaill Iain Lachlainn | John Alex MacEachern
Bàrd: Iain Òg Uacair , Iain Mac an Fhucadair | John Walker



[Séist]: Hao ri ri ò rathill ò,
Rathill ò, rathill ò,
Hao ri ri ò rathill ò,
'S e 'n tinneas trom a' lòinidh


Chaidh mi 'mach a ghabhail sgrìob
'S mi car airtneulach leam fhín
Thachair orm an t-òigear grinn
'S cha diochuimhnich mi chòrr e


Labhair e gu socrach, ciùin,
'S e seo toiseach na bliadhn' ùir'
Is cuiridh whisky sinn gu sunnd
Nuair nì sinn triùir a dhòl dheth


Fhuair e ghlainne nach robh gann
Cha b'e spìocaire a bh' ann
Mun do dh'òl sinn ach dà dhram
Gun d' thug sinn srannd air òrain


Fhuair sinn tumbler no dhà
'S botul rum' aige 'na dhòrn
Soitheach siùcar agus spàin
Is chàradh air a' bhòrd e


'S ann a' siud a bha stuth fallainn
Dh'fhàg mi cho sunndach ri balach
Rachainn-sa an fhacas nan caileag
Nam biodh Anna còmh' rium


'S ann a' siud a bha a' stuth grinn
Thug a' fallaineachd dhomh fhín
Cha b'e idir m' fhàgail tinn
Bha pàirt do bhrìgh an eòrn' ann



'S bha Anna direach air dhol dhachaigh
'S treis dha 'n oidhch' air dhol seachad
'S ged a dh'fhuiricheamaid gu madainn
Gum biodh pàilteas òl ann


'S ged a thòisich Lònas Gaston
Is tha e ag innse dhuibh a bheairteas
Gu robh mise ann am bheachd
A cheart cho pàilt a stòras


'S ged a bha mi ann an clì
Cha do ghabh mi idir spree
Dhannsainn 's Peter O' P.
Air ùrlar dìreach còmhnard


'S ma bhitheas mi gu sunndach, falainn,
'S nach till a' lòinidh 'san earrach
Gur e Teàrlach gheibh mo bheannachd
Fad 's is maireann, beò e


John Walker—thàinig e às—rugadh e a's an t-seann dùthaich, —ann an Uibhist. Shin agad a' fear a—uill, chaidh e 'mach a ghabhail sgrìob, 's thachair e air a choimhearsnach, Teàrlach, Teàrlach MacInnis. Agus thairg Teàrlach dha dram bho 'n 's e toiseach na bliadhn' ùir' a bh' ann. 'S chaidh 'ad a-staigh, tha seansa, 's shuidh 'ad—shuidh 'ad sìos ghabhail na dram, 's tha seans gun do—robh feadhainn eile 'staigh cuideachd, is bha seòrs do pharty aca 's chaidh an gnothach seachad mar sin.

John Alex MacEachern
Beinn Noah | Hillsdale 11 recordings Faic pròifil | view profile