GF235i02 'S E 'N TINNEAS TROM AN LÒINIDH (LE NAIDHEACHD AGUS BEATHA-EACHDRAIDH JOHN WALKER) Beulaiche: Iain Dhòmhnaill Iain Lachlainn | John Alex MacEachern Bàrd: Iain Òg Uacair , Iain Mac an Fhucadair | John Walker [Séist]: Hao ri ri ò rathill ò, Rathill ò, rathill ò, Hao ri ri ò rathill ò, 'S e 'n tinneas trom a' lòinidh Chaidh mi 'mach a ghabhail sgrìob 'S mi car airtneulach leam fhín Thachair orm an t-òigear grinn 'S cha diochuimhnich mi chòrr e Labhair e gu socrach, ciùin, 'S e seo toiseach na bliadhn' ùir' Is cuiridh whisky sinn gu sunnd Nuair nì sinn triùir a dhòl dheth Fhuair e ghlainne nach robh gann Cha b'e spìocaire a bh' ann Mun do dh'òl sinn ach dà dhram Gun d' thug sinn srannd air òrain Fhuair sinn tumbler no dhà 'S botul rum' aige 'na dhòrn Soitheach siùcar agus spàin Is chàradh air a' bhòrd e 'S ann a' siud a bha stuth fallainn Dh'fhàg mi cho sunndach ri balach Rachainn-sa an fhacas nan caileag Nam biodh Anna còmh' rium 'S ann a' siud a bha a' stuth grinn Thug a' fallaineachd dhomh fhín Cha b'e idir m' fhàgail tinn Bha pàirt do bhrìgh an eòrn' ann 'S bha Anna direach air dhol dhachaigh 'S treis dha 'n oidhch' air dhol seachad 'S ged a dh'fhuiricheamaid gu madainn Gum biodh pàilteas òl ann 'S ged a thòisich Lònas Gaston Is tha e ag innse dhuibh a bheairteas Gu robh mise ann am bheachd A cheart cho pàilt a stòras 'S ged a bha mi ann an clì Cha do ghabh mi idir spree Dhannsainn 's Peter O' P. Air ùrlar dìreach còmhnard 'S ma bhitheas mi gu sunndach, falainn, 'S nach till a' lòinidh 'san earrach Gur e Teàrlach gheibh mo bheannachd Fad 's is maireann, beò e John Walker—thàinig e às—rugadh e a's an t-seann dùthaich, —ann an Uibhist. Shin agad a' fear a—uill, chaidh e 'mach a ghabhail sgrìob, 's thachair e air a choimhearsnach, Teàrlach, Teàrlach MacInnis. Agus thairg Teàrlach dha dram bho 'n 's e toiseach na bliadhn' ùir' a bh' ann. 'S chaidh 'ad a-staigh, tha seansa, 's shuidh 'ad—shuidh 'ad sìos ghabhail na dram, 's tha seans gun do—robh feadhainn eile 'staigh cuideachd, is bha seòrs do pharty aca 's chaidh an gnothach seachad mar sin.