Och Mar Tha Mi
A’ chiad sreath | First Line
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF234i04 OCH MAR THA MI
Beulaiche: Eoghann Raghnaill Alasdair Aonghais Iain | Hugh D. Rankin
Bàrd: Michael Beaton, Duncan MacDougall and Angus MacDonald (Port Bàn)
Séist: 'S och mar tha mi 's mi 'nam ònar,
'S cianail tha mi bho 'n dh'fhàg mi 'n [còirneal/corner?],
Mo chreach 's mo dhìobhail 's nach robh mi dìleas,
Na gillean dìleas 's a bhith còmhla rium/rinn.
Gur e a' stuth làidir, [b 'e deuchainn spàgach?]
Dh'fhàg mis' an-dràsta nam dhuine gòrach
Òl mi dram dheth is chaidh ['am seòmadh?]
Is [ás?] an àm sin chaidh sinn ag òl ann
Dh'fhalbh mi fhéin agus dithis phàisteadan
A ghabhail sgrìob air a' rathad chòmhnard
Bha spree oirnn is bha sinn mìomhail
Is tha mi cinnteach nach e bu chòir dhuinn.
'S e Iain MacFhraing an duine ciatach
Nuair ràinig sinne 's a bha sinn gòrach
Thug e biadh dhuinn 's bha e grinn rinn
Is tha mi cinnteach nach e bu chòir dha.
Thug 'ad biadh dhuinn, bha 'ad grinn rinn
'S o shuidh sinn suas ann a' gabhail òrain
Dh'òl sinn branndaidh is whiskey làidir
Gus a' robh srann againn anns a' chlosaid
Anns a' mhadainn 'n àm éirigh
Cha ghabhadh éirigh, cha robh sinn dòigheil
Fear a' dìobhairt, fear is dreun air,
Is fear ag éigheachd, gur sinn bha gòrach.
Thug sinn sùil a-staigh fo 'n shed
'S ann fhuair sinn dileag do Mhac an Tòisich
'S e an Crìostaidh a thug an dram dhuinn
'S e àm a' samhradh, 's gu dé na dh'òl sinn?
'S tha mi cinnteach nach dèan mi stad
Dé mar bidh mi strapte 's gun seant 'nam phoca
Ach mur téid e ás mo chuimhne
Chan òl mi deur dheth cho fad is beò mi.