GF234i04 OCH MAR THA MI Beulaiche: Eoghann Raghnaill Alasdair Aonghais Iain | Hugh D. Rankin Bàrd: Michael Beaton, Duncan MacDougall and Angus MacDonald (Port Bàn) Séist: 'S och mar tha mi 's mi 'nam ònar, 'S cianail tha mi bho 'n dh'fhàg mi 'n [còirneal/corner?], Mo chreach 's mo dhìobhail 's nach robh mi dìleas, Na gillean dìleas 's a bhith còmhla rium/rinn. Gur e a' stuth làidir, [b 'e deuchainn spàgach?] Dh'fhàg mis' an-dràsta nam dhuine gòrach Òl mi dram dheth is chaidh ['am seòmadh?] Is [ás?] an àm sin chaidh sinn ag òl ann Dh'fhalbh mi fhéin agus dithis phàisteadan A ghabhail sgrìob air a' rathad chòmhnard Bha spree oirnn is bha sinn mìomhail Is tha mi cinnteach nach e bu chòir dhuinn. 'S e Iain MacFhraing an duine ciatach Nuair ràinig sinne 's a bha sinn gòrach Thug e biadh dhuinn 's bha e grinn rinn Is tha mi cinnteach nach e bu chòir dha. Thug 'ad biadh dhuinn, bha 'ad grinn rinn 'S o shuidh sinn suas ann a' gabhail òrain Dh'òl sinn branndaidh is whiskey làidir Gus a' robh srann againn anns a' chlosaid Anns a' mhadainn 'n àm éirigh Cha ghabhadh éirigh, cha robh sinn dòigheil Fear a' dìobhairt, fear is dreun air, Is fear ag éigheachd, gur sinn bha gòrach. Thug sinn sùil a-staigh fo 'n shed 'S ann fhuair sinn dileag do Mhac an Tòisich 'S e an Crìostaidh a thug an dram dhuinn 'S e àm a' samhradh, 's gu dé na dh'òl sinn? 'S tha mi cinnteach nach dèan mi stad Dé mar bidh mi strapte 's gun seant 'nam phoca Ach mur téid e ás mo chuimhne Chan òl mi deur dheth cho fad is beò mi.