Òran a' Churraic
A’ chiad sreath | First Line
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF233i04 ÒRAN A' CHURRAIC
Beulaiche: Gilleasbuig mac Eàirdsidh Sheumais | Archie MacKenzie
Bàrd: Eòin Dhòmhnaill Iain | John V. MacNeil
[Séist]: Fàilt' air a' ghille dhubh, 's fada leam tha thu
Fàilt' air a' ghille dhubh, chan fhacas an-dé no an-diugh
Fàilt' air a' ghille dhubh, 's fada leam tha thu
Fàilt' air a' churrac
A thàinig gun chuireadh
Chuir fàilt air mo mhuallach
'S a chumadh an càirdeas
Currac na fialaidh
A thàinig gun iarraidh
Nuair thàirneas mi sìos e
Théid pìos dheth fo 'm shàiltean
'An gille dubh' seo far ainm a bh' aca air MacNìll, leis bu leis—leis am bu leis an currac.
Tha muillear a-muigh ud
'Sa chùil anns a' churrac
Gu [drabhaile?] muilinn
Nam b' urrainn a thàrrsainn
'S nam bitheadh tu ri 'g iasgach
Air deigh ri là fiadhaich
A chuir às an iar ort
Bu chiatach a' sgàil e
O, suid na bheil cuimhne agamsa air.
Team notes:
Cf. Joe Allan MacLean, "Òran a' Churraic," interview by John Shaw, Cape Breton Folklore Collection, St. Francis Xavier University, October 26, 1978.