GF233i04 ÒRAN A' CHURRAIC Beulaiche: Gilleasbuig mac Eàirdsidh Sheumais | Archie MacKenzie Bàrd: Eòin Dhòmhnaill Iain | John V. MacNeil [Séist]: Fàilt' air a' ghille dhubh, 's fada leam tha thu Fàilt' air a' ghille dhubh, chan fhacas an-dé no an-diugh Fàilt' air a' ghille dhubh, 's fada leam tha thu Fàilt' air a' churrac A thàinig gun chuireadh Chuir fàilt air mo mhuallach 'S a chumadh an càirdeas Currac na fialaidh A thàinig gun iarraidh Nuair thàirneas mi sìos e Théid pìos dheth fo 'm shàiltean 'An gille dubh' seo far ainm a bh' aca air MacNìll, leis bu leis—leis am bu leis an currac. Tha muillear a-muigh ud 'Sa chùil anns a' churrac Gu [drabhaile?] muilinn Nam b' urrainn a thàrrsainn 'S nam bitheadh tu ri 'g iasgach Air deigh ri là fiadhaich A chuir às an iar ort Bu chiatach a' sgàil e O, suid na bheil cuimhne agamsa air.