Fàilte a' Bhonnaich-Choirce
A’ chiad sreath | First Line
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF233i04 ÒRAN A' CHURRAIC
Beulaiche: Gilleasbuig mac Eàirdsidh Sheumais | Archie MacKenzie
Tar-Sgrìobhadh: An Drochaid Eadarainn (Baile nan Gàidheal | Highland Village)
Bàrd: Eàirdsidh Sheumais | Archibald James MacKenzie
[Archie MacKenzie:] O fàilt' ort fhéin, a bhonnaich-choirce,
'S éibhinn leam gun d' rinn thu nochdadh;
An tìm m' òige, b' eòlach ort mi,
'S tric a dh'fhalbh mi fhéin do'n sgoil leat.
'S tric a dh'fhalbh mi leat gu h-uallach,
'S tu 'sa mhàileid air mo chruachainn;
Ged bhiodh sneachd' 's reothadh cruaidh ann,
Ruigeamaid taigh-sgoil na bruaicheadh.
Na laoich mheanmnach, chalma, smearail,
Thriall do'n tìr so nall á Barraidh;
'S i mhin-choirce dh'fhàg iad fallain,
Brochan, fuarag, lit', is aran.
'S tu mo laochan, blasda, brìgheil,
Chan eil féist ach far am bi thu;
Nuair théid còta math de dh'ìm ort,
Càit a' faighte biadh as mìlse?
Ó siud na bheil cuimhn' agam—
[John Shaw:] Glé mhath.
Reference sources:
Sgialachdan á Albainn Nuaidh, Calum Iain Nicholson MacLeòid (1969), p. 17