GF233i04 ÒRAN A' CHURRAIC Beulaiche: Gilleasbuig mac Eàirdsidh Sheumais | Archie MacKenzie Tar-Sgrìobhadh: An Drochaid Eadarainn (Baile nan Gàidheal | Highland Village) Bàrd: Eàirdsidh Sheumais | Archibald James MacKenzie [Archie MacKenzie:] O fàilt' ort fhéin, a bhonnaich-choirce, 'S éibhinn leam gun d' rinn thu nochdadh; An tìm m' òige, b' eòlach ort mi, 'S tric a dh'fhalbh mi fhéin do'n sgoil leat. 'S tric a dh'fhalbh mi leat gu h-uallach, 'S tu 'sa mhàileid air mo chruachainn; Ged bhiodh sneachd' 's reothadh cruaidh ann, Ruigeamaid taigh-sgoil na bruaicheadh. Na laoich mheanmnach, chalma, smearail, Thriall do'n tìr so nall á Barraidh; 'S i mhin-choirce dh'fhàg iad fallain, Brochan, fuarag, lit', is aran. 'S tu mo laochan, blasda, brìgheil, Chan eil féist ach far am bi thu; Nuair théid còta math de dh'ìm ort, Càit a' faighte biadh as mìlse? Ó siud na bheil cuimhn' agam— [John Shaw:] Glé mhath.