GF233i01 SGEUL ÀS AN APAINN Beulaiche: Gilleasbuig mac Eàirdsidh Sheumais | Archie MacKenzie Tar-sgrìobhadh: An t-Oll. Iain Seathach | Dr. John Shaw Nuair a ghluais mi 'sa mhadainn Fhuair mi sgeul às an Apainn as ùr; Chuir siod smuairean air m' aigne Cha ghluais mi ann an cabhaig le sunnd. Chuir sin mulad air m' inntinn Nach urrainn mi [dìreadh/dhìobar?] ri m' bheò; 'S ged a théid mi dha 'n leabaidh Chan fhaigh mi ann cadal le bròn. Nuair a fhuair mi do litir Bha mo chridh-sa clisgte 'nam chléibh; Nuair a leubh mi gu tric i Dh' fhalbh mo léirsinn 's mo mhisneach [gu léir/bhuam?]. Gur e fhuair mi dha mo dhòrainn Gun do chaill mi mo chòir air an té Anns a' robh mi làn dòchais Gum biodh i cho deònach rium fhéin. Tha do phearsa gun fhàilinn Òigh mhìn mhaiseach àlainn gheal réidh, Gruaidh mar ubhal nan gàradh, Beul bu bhinne na clàrsach nan teud; Gur e gile do bhràghad Na 'n canach a' fàs ['sa ghort réidh / an cois sléibh?], Ged as mór e ri ràitinn No an sneachda seo thànaig an dé. Nist bho 'n d' thréig thu mi buileach 'S ann a bhios mi [air tuireadh / fo mhulad/gu tuilleadh?] fo ghruaim; Ged a chluinninn ceò' fìdheall Chaoidh cha tog e mo chridh' 's cha ghluais. 'S bidh mi tuilleadh fo mhìghean Ged bu dùthchas dhomh misneach is cruas; [Ach mo shùilean ri snighe] 'S mi ri caoidh na tha dhìth orm 's gach uair. Nuair a chuala mi caithream Nam pìob tighinn 'nan deannal a-nuas, Sheall mi 'n sin air mo chailin, Bha na deòir cur nan car dhiubh m'a gruaidh. Ach nam biodh iad agam, Na treun-fhir nach b' aithne chur bhuainn, Cha robh air a' bhanais Na chumadh mo leannan-sa bhuam. Ann an cromadh an anmoich Nuair a bhithinn 's tu seanchas gu ciùin, Cha b' fhada gu dearbha Liom an oidhche nuair a shealbhaichinn thu. Bha thu cuimir neo-chearbach, Chan fhacas riamh fearg air do ghnùis; Mar a dhealbh bhradain do chalpa, Liom bu mhiann a bhith sealg air mo rùn. [?]. Siud gu leòr. Mo bhràthair a chaidh a mharbhadh a's a' chiad chogadh, Eòs, bhiodh e daonnan a' seinn an òran sin. 'S bha cù againn, a bha daonnan a' falbh na chois. Agus nuair a rachadh e a-mach a dh'obair a dh'àite sam bith bhiodh an cù daonnan còmhl' ris. Bhiodh e 'seinn an òran sin. Agus rinn—nuair a dh'fhalbh e, nuair a dh'fhalbh e dha 'n chogadh, greis—greis a dh'ùine an deaghaidh dha falbh, bha mo phiuthar là, 's i shuas air a' lobhtaidh, agus i, mar a bheireadh 'ad, 'hookadh mattaichean' bhiodh 'ad a' cuir air an ùrlar. Agus thòisich i air seinn an òran. 'S bha an cù na laighe 'sa chidsin. Thog e ceann 'sa mhionaid. Agus rud nach d' rinn e riamh roimhe, chaidh e suas a' staidhir. Bha eagal aige ro 'n staidhir, agus bha siud a' chiad turas a chaidh e suas a dh'ionnsaigh na lobhta. Agus cha robh fios aice dé bheireadh i nuair a chunnaic i 'n cù a' coiseachd a-staigh far a' robh i. Agus smaointich i an uair sin dh'fhaoidte gur e seo a bh' ann, is stad i [dhe 'n?] òran. Nuair a stad an t-òran, choisich an cù a-mach. Thòisich i sin an ceann [?] a-rithist, thill e 'staigh a-rithist. Tha siud car doirbh a chreidsinn, ach tha cuimhn' agam a' là a thachair siud.