Their am botul, lìon a' ghloine
A’ chiad sreath | First Line
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF232i10 THEIR AM BOTUL, LÌON A' GHLOINE
Beulaiche: Eòs Nìll Bhig | Joe Neil MacNeil
Bha òran eile ann, bhithinn 'ga chluinntinn aca cuideachd. Agus 's ann aig Banntrach Nìll Sheumais a chuala mi, tha mi 'smaointinn, mu dheireadh an t-òran. Ged a chuala mi ceathramhan no dhà dhe roimhe sin. No ma dh'fhaoidte bhuaithe sin. Agus 's e Anna Iain Dhiarmaid a bheireadh 'ad ris an té seo, bana-Chaimbeulach, mus do phòs i Niall MacNìll. Agus 's e:
[Séist]: Their am botul, lìon a' ghloine
Tha mi toileach, cùm an galan
Mac an Tòisich rinn a' choire
Chuir e bhòilich anns na ceannan
—An cuala sibh e? Agus bha ceathramh ann:
'S e stuth brìoghmhor, sùgh an eòrna
'S e stuth mìlse an ioc ri òl e
Bidh na h-ìghneagan ga phògadh
'S tha mi fhín an tòir glé fhad air
—Is bha an uair sin a' fonn,
Their am botul, lìon a' ghloine—
Bha an uair sin ceathramh ann:
'S e stuth brìoghail is stuth làidir
Choisinn cliù am measg nan Gàidheal
'S tric a dh'òl mi dheth deoch slàinte
Am Port Phàdraig, làmh ri Ailean
Agus bha ceathramh eile ann:
Tha rud eile 's toil leinn ann
A bhios aca tric air na bainnsean
Daoine liatha 'gan cuir a dhannsa
Is rud nan ceann a dh'fhàgas mear 'ad.
Sin agaibh na bheil cuimhn' agam air sin. Agus tha mi cinnteach nach eil cus dha 'n còrr ann a' shin tha cuimhn' agam air ach sin fhéin.