Dh' fhalbh mo bhean bhuam
A’ chiad sreath | First Line
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF232i09 DH' FHALBH MO BHEAN BHUAM
Beulaiche: Eòs Nìll Bhig | Joe Neil MacNeil
Bha, bha ceathramhan eile de dh' òran a chuala mi aig Eachann Mac 'Ille Mhaoil agus chuala mi e aig bean Nìll Ruairidh 'ic Iain 'ic Eachainn cuideachd. Cha chuala mi aig a' chòrr ach, ach—ach aca fhéin agus 's ann mu dheidhinn fear a dh' fhalbh am bean—a' bhean—air turas a dh' àiteigin. 'S thug—tha e coltach gun d' thug i ùine mhór air falbh. Agus thuirt e:
Dh' fhalbh mo bhean bhuam a' rathad ud shuas
Air turas gun bhuaidh, gun dòigh
Cha d' fhuair thu do dhìol dha 'n chéilidh sin riamh
Ged dh' fhanadh tu bliadhn' agus còrr.
Tha mise gun sian ri [daolag/daolach/dùbhlachd?] nam biast
'S chan fhada 'is Catrìona beò
Agus bha ceathramh eile ann:
Mo shogsaichean tolltach, salach le poll
'S 'ad ri leantail ri bonn mo bhròig'
'S mo leine gun nighe, 's gun sìon
'S i falbh dhìom 'na mìltean stròic
Sin agaibh na bheil cuimhn' agam air a chluinntinn dheth.
Notes (fieldnotes):
Fragment. Second verse seems incomplete.