Back to recordings

Ach ma dh' fhalbh am mèirleach

0:00
0:00 Download MP3

A’ chiad sreath | First Line

Tar-sgriobhadh | Transcription

Download transcription

GF232i08 ACH MA DH' FHALBH AM MÈIRLEACH


Beulaiche: Eòs Nìll Bhig | Joe Neil MacNeil



Seadh bha—tha ceathramhan òrain a chuala mi, o chuala mi 'ad glé thric agus 's e 'n, an té mu dheiredh aig an cuala mi an t-òran ged a chuala mi 'ad aig bean Nìll Ruairidh 'ic Iain 'ic Eachainn tric gu leòr, 's e 'm boireannach mu dheireadh aig an cuala mi 'ad bho chionn àireamh mhór bhliadhnaichean, 's i bean Mhìcheil Mhic Nìll thall aig Pòn na Maiseadh. 'S e Mìcheal Shandaidh a bheireadh 'ad ris [ ? ] campanach. Agus bha ise fìor mhath gu seinn òrain. Agus dh'fhaighneachd i dhìom an cuala mi na ceathraman òrain a bha seo aig àm sam bith, is thuirt mi rith' gun cuala agus bha anns—ann an ce—fear dha na ceathramhanan:


Ach ma dh' fhalbh am mèirleach
Mo làmhsa nach b' ann 'ga dheòin
Thruis e leis a' mhàileid
'S bu stàitail e 'dol 'ga lòn
Bha ìm innte, càise, buntàta,
Cruinneachd 'is feòil
'S faodaidh tu bhith stàtail
As gach àit' as an ith thu—'n ith thu bòrd


Tha ceathramh eil' ann:


Ghoid thu ormsa còta de 'n chlò
Cho math 's a bha as tìr
'Is peiteag dha 'n drogaid
Cho bòidheach 's a chaidh mu m' dhruim
'S an t-airgead 'na pòca
Airson òl nuair a thograinn fhìn
'S ged nach d' dh'iarr thu m' òrdadh
Bu spòrsail thu dol gu cill


Sin agaibh na bha cuimhne agam air a chluinntinn de na ceathraman air an, air an òran a bha sin.



Notes (fieldnotes):
Fragment.

Joe Neil MacNeil
An Rubha Meadhanach | Middle Cape 583 recordings Faic pròifil | view profile