Back to recordings
Cho lom ri brù piseag
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF232i07 CHO LOM RI BRÙ PISEAG
Beulaiche: Eòs Nìll Bhig | Joe Neil MacNeil
Bha gnàth-fhacal eile aig Dòmhnall Mac a' Phì, bha na h-uimhir a bh' aig an fhear sin co-dhiù, bha e 'cur seachad a shaoghal leis na gnothaichean seo. Bhiodh 'ad a' bruidhinn air rudan a bha gann no sìon is chanadh e gu robh e "cho lom ri brù piseag". Agus ma dh'fhaoidte gum biodh 'ad iomchaidh an cuir sìos, airson cuimhneachan orra.