Back to recordings
Clach a' ruith le gleann, is feasgar fann foghar
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF232i04 CLACH A' RUITH LE GLEANN, IS FEASGAR FANN FOGHAR
Beulaiche: Eòs Nìll Bhig | Joe Neil MacNeil
Gnàth-fhacal eile, o, chuala mi sin cho pailt co-dhiù. Cha robh fhios a'm nach robh mi ach nam bhalach glé òg nuair a chuala mi 'ad. Chanadh 'ad, null 's a-nall, gu h-àraid a-null a's a'— bhiodh i gu meadhan an fhoghair. 'S a bhite a' bruidhinn air a' là bhith cho goirid, chanadh 'ad, "Clach a' ruith le gleann, is feasgar fann foghair."