Back to recordings
Guma slàn iomradh air
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF231i14 GUMA SLÀN IOMRADH AIR
Beulaiche: Eòs Nìll Bhig | Joe Neil MacNeil
Alasdair Nìll Chaluim a bha seo. Agus bha e gu math tric aca, nuair a bhiodh e 'bruidhinn air, gu sònraichte feadhainn a bha falbh, air turas fhada, astar air falbh, na bha sinn eòlach orra, agus dh'ainmicheadh e 'n duine bha seo 's chanadh e daonan, "Guma slàn iomradh air". Bha seo a' ciallachadh guidhe e bhith ann an slàinte nuair a bhathar a' bruidhinn mu dheidhinn. Guma slàn iomradh air. Bhiodh sinn ag iomradh air an duine a bhathar a' toirt—bruidhinn mu dheoghainn. Agus bhiodh e a' guidhe gu robh an duine na shlàinte aig an àm seo. 'S e gnàth-fhacal gu m—fìor thoinisgeil, tha mi 'smaoinntinn, a bh' ann, agus fear a bha glé luachdmhór.