Back to recordings

Mar a Thòisich Mi air Leughadh Gàidhlig

0:00
0:00 Download MP3

Tar-sgriobhadh | Transcription

Download transcription

GF226i06 MAR A THÒISICH MI RI LEUGHADH NA GÀIDHLIG


Beulaiche: Eòs Nìll Bhig | Joe Neil MacNeil



Bha feadhainn a' foighneachd dhìom gu dé mar thòisich mise air leughadh Gàidhlig agus tha naidheachd agam—tha mi cinnteach, car fad'—air a' sin uile gu léir ach feumaidh sinn a gearradh sìos cho sgiobalta 's a 's urrainn dhuinn.


Bha fear Eachann Mac 'Ille Mhaoil thall. Bhiodh e tighinn air chéilidh oirnn. Sìos, dh'ionnsaigh a' Rudha Mheadhanach glé thric agus leughadh esan a' Ghàidhlig, agus nam biodh bìdeag de phàipear a's a' robh beagan de Ghàidhlig mu'n cuairt, bhite 'ga leughadh, gu 'n tigeadh e. Agus bhuail e 'nam inntinne fhéin gum bu toil leam tòisicheadh air leughadh Gàidhlig a's an àm a bha sin.


Agus fhuair mi 'sin leabhraichean Mac-Talla, seann phàipear a bha 'ad air a dhol à clò-bhualadh roimhe s—ro 'n àm, 's—ach bha 'ad fhathast ann, naidheachdan agus gnothaichean annta, agus 's e na sanaisean a bh' aig na marsantan, bathar a bhiodh 'ad a' créic mar a tha bathar cruaidh 's flùr 'is min 'is tì agus deasachan 'is gnothaichean de 'n seòrs'. Agus bha mi tighinn air n-aghaidh beag air bheag, agus tha fhios gu robh barail agam gu dé bu chòir dha na marstantan seo a bhith rèic agus uime sin bha mi tuigsinn, 's bha mi tighinn air n-aghaidh le leughadh o chionn bha Ghàidhlig agam mar chainnt.


Agus fhuair mi—fhuair mi leabhreac dhe—do Shàr-obair nam Bàrd 's bhithinn a' feuchainn ri sin a leughadh agus bha an gnothach gu math doirbh. Bha cuid mhór de dh'fhaclan ann a bha gu math fada bhos mo chionn. Duilich timich—fhaighinn timchioll orra. Fhuair mi iasad de Chlàrsach na Coille, leabhar ris an abrar Clàrsach na Coille, 'is bhithinn a' feuchainn ri òrain a' leughadh ás a' sin. 'S bha cuid dhe na h-òrain a bha mi air cluinntinn agus air ionnsachadh bho bhith 'gan cluinntinn bho bheul-aithris agus thug sin cuideachadh mór dhomh.


Bha pàipear air a chlò-bhualadh ann am Baile Shudnaidh aig an àm ris an canadh 'ad Teachdaire nan Gàidheal, 's bhithinn a' faighinn lethbhreac dhe sin bho m'—charaide dhomh a bh' anns an tìr, 's e fhéin an deaghaidh togail gu leughadh Gàidhlig. Agus bha e fìor dhìchiollach gu leughadh Gàidhlig ged nach robh Gàidhlg aige 'na òige. 'S e fear Seumas Mac a' Ghobha a bh' ann. 'S rinn e fhéin oidhrip gàbhaidh air leughadh 's air sgrìobhadh na Gàidhlig.


Agus bhithinn suas bho 'n àm sin a' faighinn—a' faighinn iasad do leabhraichean 's a h-uile Gàidhlig a bhiodh air a chlò-bhualadh ann am pàipearean, mar a bha an Casket a bha 'ad a' clò-bhualadh an Antigonish, bhiodh—bhiodh [iomradh?] ann a' sin ris an canadh 'ad Achadh nan Gàidheal agus bhiodh—'s e òrain bu trice 'iodh ann, na seanchas beag no litrichean a bhite a' cur thuca 's a' leithidean sin.


Agus thàinig seanchas a' phàipear a bha 'ad a' clò-bhualadh an Sudnaidh, Am Post, thàinig a-mach gum biodh roinn bheag do Ghàidhlig anns an fhear sin uair 'san t-seachdain agus leis a h-uile sian a thàinig a-mach, bha mi cumail suas ris a' Ghàidhlig. 'S neo-ar-thaing nuair, a dheoghaidh sin, nach robh mi faighinn gu leabhraichean agus mu dheireadh fhuair mi briathradair airson gu faighinn a h-uile facal a biodh cha mhór uile a dhìth orm. Agus sin agaibh mar a fhuair mise tòiseachadh agus dhol air adhart leis a' leughadh na Gàidhlig.

Joe Neil MacNeil
An Rubha Meadhanach | Middle Cape 583 recordings Faic pròifil | view profile