Back to recordings
Soiridh leat a chiallain (le ro-ràdh)
A’ chiad sreath | First Line
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF223i04 SOIRIDH LEAT, A CHIALLAIN
Beulaiche: Eòs Nìll Bhig | Joe Neil MacNeil
[Joe Neil MacNeil]: Soraidh leat a chiallain, an e sin e?
[John Shaw]: 'S e.
[JNMN]: Port-á-beul a bh' aca, bidh mi 'gan cluinntin an-diugh 'ga chluich, chan eil fios agam air an ainm aige, ged a dh'fhaodadh fios a bhi agam air. Ach pàirt dhe na facail a bh' air, 's e:
Soraidh leat, a chiallain
Guma slàn a nì thu tighinn
Air an t-slighe cheunda
'S ruig an taigh an robh thu raoir
Bha na facail a' tréigsinn an uair sin, 's bha 'ad a' tionnadh gu canntaireachd no dòigh eile air a' phort, cha robh faclan an sin ann, ach a' leantail na caoin.
Reference sources:
Play It Like You Sing It, Volume Two: The Music, Barry W. Shears (2018), p. 246