Gilleasbuig Aotrom agus a' Ghobhar
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF221i04 GILLEASBUIG AOTROM 'S A' GHOBHAR
Beulaiche: Joe Neil MacNeil
Sheadh bha—tha mi dol a dh'innse sgeul no dhà no ma dh'fhaoidte trì air Gilleasbuig Aotrom, duine a bha thall anns a' Ghàidhealtachd, agus tha e coltach gura a h-e duine a bh' ann a bha car suas ri cleasan a dheanamh agus—bhiodh 'ad tha mi cinnteach aig amannan nach biodh 'ad 'gan taghadhvna bu mhotha cho math 's a bhitheadh 'ad. Agus bha e cunnartach a thaobh gun deanadh e bàrdachd. Rinn e bàrdachd cuideachd tric tha mi creidsinn.
Ach co-dhiù bha—bha nighean sònraich' anns an àite, nighean mhaiseach. Agus bha fear a bhiodh a' tighinn a shealltainn oirre. Bha e a' suiridh' oirre. Agus thug e tairgse pòsadh dhi, ach cha ghabhadh i idir e. Tha mi cinnteach gu robh i an dùil ma dh' fhaoidte gu faigheadh i duine a b' urramaiche no na bu luachmhor na esan a's an àm. Bha i car àilgheasach.
Ach co-dhiù beagan de dh'ùine as a dheoghaidh sin thachair mì-fhortan dha 'n nighinn bhochd. Bha i saodachdh nan gobhar a-staigh dha 'n chrò agus leum té dhe na gobhair suas no boc ghobhaire suas agus bhuail i an adharc oirre anns an aodann agus chaidh 'ad—chaidh a lot gu dona 's bha e cho dona 's gun do chaill i—chaill i té dha na sùilean.
Co-dhiù cha robh suirghichean na dùthchadh tighinn a shealltainn air an nighinn bhochd tuilleadh agus 's ann a smaointich Dòmhnall gun rachadh e rithist a thoirt tairgse pòsadh dhi. Agus sin mar a bh' ann.
Ràinig e agus thug e tairgse pòsadh dhi agus o bha e deònach gu leòr a ghabhail agus chuireadh air bhonn latha bainns' agus gu robh—gach nì, agus nuair a bha 'ad a' toirt cuireadh bainnse dha 'n chuideachd mu 'n cuairt cha leigeadh an t-eagal air fear na bainnseadh Gilleasbuig Aotrom fhàgail gun chuireadh o chionn bha e cho cunnartach, dh'fhaoidte gu faodadh e rud neònach a dhèanamh.
Agus fhuair e an cuireadh math ri càch agus nuair a bha an còmhlan cuideachd a-staigh, 'ad cho toilichte, huair fear na bainnseadh na botail uisge beatha agus thòisich e a' riarachadh dram agus lìon e gloinne nuair a thàinig e mu choinneamh Gilleasbuig Aotrom agus shìn e sin dha.
'S dh'éirich Gilleasbuig Aotrom 'sa sheasamh agus bha ghloinne uisge beatha 'na làimh agus thuirt e, "Seo," ars' esan, "ais deagh shlàinte fear na bainnseadh, agus bean na bainnseadh. Agus deagh shlàinte dhe 'n ghobhar," 's e tionndadh ri fear na bainnseadh aig an àm, "a choisinn deagh bhean taighe dhutsa, agus cuireadh bainnse agus dram math dhomhsa!"