Back to recordings

Turus Eòs dha 'n Bhaile Mhór

0:00
0:00 Download MP3

Tar-sgriobhadh | Transcription

Download transcription

GF221i01 TURUS EÒS DHA 'N BHAILE MHÓR


Beulaiche: Eòs Nìll Bhig | Joe Neil MacNeil



Tha a-niste sgeul beag agam air turas a rinn mi dha 'n bhaile mhòr. A's a' chiad àite tha mi dol ag innse gur e mise Eòs MacNìll, a fear a tha 'ad ga chunntais na sgeulaiche 's tha mi 'siubhal mun cuairt air feadh nan àiteachan a dh'fhaicinn daoine gasda agus air turas a chaidh mi dhe 'n—do bhaile mòr Inbhir Nis còmhla ri m' charaid Iain Seathach, is bha sinn a' dol a shiubhal sìos air feadh cuid do shiorramhachd Inbhir Nis ag- ri fhaicinn daoine gasda a bh' ann a sin.


Ach co-dhiubh aig àm dinnerach thàinig, nuair a thàinig an t-acras oirnn, chaidh sinn sìos gu àite 'son a faigheamaid biadh, taigh bìdh a bh' ann—taigh a's am biodh daoine a' dol, mar a bheir 'ad a's a' Bheurla "restaurant". Agus nuair a chaidh sinn a-staigh, an ceann tacan chaidh leabhar a thoirt—chaidh leabhraichean a thoirt a-nall thugainn agus cunntais, no ainmeanan, nam biadh a bha iad a' toirt seachad air an latha a bh'ann co-dhiubh agus roghainnich mi air biadh. 'S e iasg a bh'ann, bha mi a' smaointinn, a chòrdadh rium agus nuair a thàinig i mun cuairt chaidh innse dhomh nach robh an leithid idir aca aig làimh. Agus co-dhiubh dh'falbh an tè—an nighean ghasda a bha a' frithealadh oirnn agus dh'fhàg i an gnothach againn gus ar n-inntinn a dhèanamh suas ri ùine agus nuair a thill i, bha an darna roghainn agam air a dhèamamh agus 's e muc ròsta a bha mi ag iarraidh, agus cha robh leithid idir aca. Agus nuair a chuala mi sin b' fheudar dhomh an treas roghainn a thoirt an àirde agus smaoinich mi gun gabhainn cearc Fhrangach, pìos do chearc Fhrangach, no mar a thogras sinn a chantail cearc—dinnear do chearc Fhrangach no mar a bheir 'ad 's Bheurla "turkey dinner". Agus cha robh leithid sin idir ann. Ach thuirt i gu robh isean ann agus smaoinich mi an uair sin gun ghabhainn dinnear do dh'isean. Agus bha mo charaid a' foighneach dhiom feasgar an uair a thill sinn dé bharail a bh' agam air a' ghnothach, agus bha sinn a' seannchas gu dè niste a bha mi dol a dh'òrdachadh mura biodh an ceathramh nì a dh'òrdaich mi ann. Agus bha mi a' cantail ris nach robh fios agam aig an àm, ach ma dh'fhaoite gu smaointichinn leis cho gann 's a bha h-uile rud, air seachnadh gach ainm a bh' air an leabhar builleach glan agus gun iarrainn orra cuileag mhòr a mharbhadh dhomh, agus ma dh'fhaoidhte gun iarrainn a bruich ann an ola [chas dhaimh?] bho 'n a bheil sin cho gann 's gum feumte a dhol a dh'àite 's a robh 'ad a' reic acainn each airson an ola bha sin fhaotainn.


Agus sin agaibh mar a bha mo thuras-sa, air cuid ithe biadh dheth. Neo-ar-thaing nach robh mo chuid eile dheth air mo chéilidh cho sona sòlasach agus ged a bhiodh an gnothach air a dhol na bu mhiosa bho 'n na chaidh e air cion a' bhìdh, bha mi cho riaraicht' ás na thachair agus gu robh mi toilichte a dh'aindeoin cùiseadh. Sin mar a bha mo thuras.

Joe Neil MacNeil
An Rubha Meadhanach | Middle Cape 583 recordings Faic pròifil | view profile