Back to recordings

Ged a fhuair mi 'n damh aig Anna 's daor a cheannaich mi gach ròineag (le ro-ràdh)

0:00
0:00 Download MP3

A’ chiad sreath | First Line

Tar-sgriobhadh | Transcription

Download transcription

GF220i07 GED A FHUAIR MI 'N DAMH AIG ANNA 'S DAOR A CHEANNAICH MI GACH RÒINEAG (LE RO-RÀDH)


Beulaiche: Eòs Nìll Bhig | Joe Neil MacNeil
Bàrd: Sandy 'Illeasbuig Mhóir | Alexander MacIsaac



Mu 'n as an àm a bha Alasdair Mac Íosaig ri dròbhaireachd—bhiodh e falbh air feadh na dùthchadh a' ceannach spréidh, agus bha e air turas a-mach aig Loch Uibhist 's air feadh an ceàrna sin. Agus rinn e òran dhe 'n turas a bha sin, 's tha seansa nach deachaidh an gnothach leis uabhasach sealbhach idir ach tha mi smaointinn gura h-e:


Hò dha rì o, ò dha rìreabh,
Hò dha rì ag, ò dha rìreabh,
Hò dha rìreabh, ò dha rìreabh,
['S e mi fhìn 's an tìr an eòrna?]


'S tha mi smaointinn gur e sin am fonn a chuir e air. Agus bha ann am fear dhe na ceathraman mu dheidhinn cho beag 's a fhuair 'ad de—ri cheannach de spréidh agus thuirt e ann an deireadh a' cheathramh, "Ged a fhuair mi damh aig Anna, 's daor a cheannaich mi gach ròinean."


Agus bha—turas eile bha e—rinn e cumhnant ri té airson am mart a cheannach bhuaipe agus as a'—mu 'n do ràinig e a-mach air an latha a thuirt e bhiodh e ann, thàinig fear eile dha na dròbhairean agus cheannaich e am mart bhuaipe. Co dhiù, 's e prìs na b' fheàrr a thug e oirre, no gu dé a bh' ann ach cha do chum ise ri gealltanas co dhiù agus rinn e sin òran dhaibh. Chuala mi an t-òran aige 'ga sheinn aon turas ach cha do dh' ionnsaich mi idir e, ach gu robh ann an deireadh, fear dhe na ceathraman gu be gu dé rud a bha e dol—a bha e dùraigeadh dhaibh, na dh'òrdachadh dhaibh, gun d' thuirt e anns an ceathramh, " 'S e Raghnall na Tòin agus Raonaid bhiodh ann."

Joe Neil MacNeil
An Rubha Meadhanach | Middle Cape 583 recordings Faic pròifil | view profile