Back to recordings

Am Marsanta agus am Mart Jersey

0:00
0:00 Download MP3

Tar-sgriobhadh | Transcription

Download transcription

GF220i01 AM MARSANTA AGUS AM MART JERSEY
Beulaiche: Gilleasbuig Eòghainn Dhòmhnaill 'ic Aonghais 'ic Aonghais 'ic Iain 'ic Iain 'ic Dhòmhnaill | Archie Dan MacLellan
Tar-Sgrìobhadh: Steafan Dyke | Làrach-lìn "An Drochaid Eadarainn" (Baile nan Gaidheal) | "An Drochaid Eadarainn" Website (Highland Village Museum)


… airson na [?] sin agus, bha toil aige mart math bainne fhaighinn. Agus dh' fhaighneachd e do Mhister Gillis, "Saoil thusa a-nis, a' faigh sibh dìreach mart math bainne dhomhsa aon turus?"
"Uill, feuchaidh mi leis," thuirt an Gilleasach, "agus feuchaidh mi le mart math fhaighinn dhuibh."
Ach, gu dé a bha 's a' bhean aig a' mharsanta, 's e ban-Jersey a bh' innte. Agus, boireannach gast' a bh' innte cuideachd. Ach, thill e, an Gilleasach, 's bha mart eireachdail bainn' aige.
Agus, dh' fhaighneachd e dha 'n duine, "An d' fhuair thu mart dhomh?"
"Fhuair agus mart math."
"Dé a tha stoc a th' innte?"
"Tha stoc a's a' bhean agaibh p-fhéin, Jersey," thuirt e fhéin.
Cha robh siod dona.


Archie Dan MacLellan
An Camus Leathann | Broad Cove 63 recordings Faic pròifil | view profile