Back to recordings

Taibhse Anns a' Phòn Mhór

0:00
0:00 Download MP3

Tar-sgriobhadh | Transcription

Download transcription

GF219i06N TAIBHSE ANNS A' PHÒN MHÓR


Beulaiche: Eòs Nìll Bhig | Joe Neil MacNeil



Bha nàbaidh eile dhomh 'g innse naidheachd agus bha e fhéin a' tighinn dhachaigh ás a' Bhaile Mhóir. A-nis, 's ann aig Gleann nan Éireannach a thachair a nì a bha seo, naidheachd dìreach a dh'aithris mi. Ach an turas a bha a' fear seo 'tighinn—eile 'tighinn dhachaigh. 'S ann shios aig a' Phòn Mhóir a thachair orra an nì a bh' ann. 'S dh'innse e dhomh mu [thuamach/thuirmeach] an àite 's mar a ghabh an t-each sgaoim.


Agus chuir e a chasan deiridh a-staigh fairis, 's e an carbad ceithir rothach a bh' aige, na mar a bheir 'ad, a' wagon. 'S chuir e a chasan deiridh a-staigh fairis air a' mhaide tarsainn air a bheil an t-amall. Agus bhuail e am bòrd toisich a's a' charbad. Agus chaidh e 'mach an uair sin air a' bhuille-throt 's air na bu luaithe na sin, chaidh mar a bheireamaid air a' ghallop. Agus chaidh e mu mhìle, còrr is mìle a dh'astar mu 'n d' fhuair e a shocarachadh sios gu ceannsachadh. Agus 's ann 's an dearbh àite a bha sin a-réir mar a dh'innse an duine dhomh a chaidh boireannach, bha mi fhìn glé eòlach oirre, a mharbhadh.


Bha i air taobh thall, leis an rathad, agus ar leatha gun cuala i an carbad mór a' tighinn air a robh 'ad a' dol dha 'n bhaile air a' mhadainn a bha seo. Agus bha i fhéin 's a companach 'na[n] seasamh air bruaich a' rathaid 's thuirt i gu robh an carbad, na mar a bheireadh 'ad 's a' Bheurla, am bus a' tighinn. 'S dh'fhalbh ise a-null, a' dol a-null fairis air a' rathad 's air a bha i mu lethach an astair, chunnaic i carbad a' tighinn. 'S shaoil leis an té a bha tighinn gu robh ise 'dol a chumail roimpe nuair a bha i seachad air meadhan a' rathaid. 'S gu dé rinn i ach tilleadh 's dh'fheuch an té eile ri sàbhaladh 's bhuail i innte.


Agus cha robh i beò ach beagan làithichean. Thug 'ad a-staigh dha 'n taigh-eiridinn i ach cha robh i beò ach beagan làithichean. 'S tha e coltach gu leòr, 'nam bheachdsa, 'nam bharail, gura h-e taibhs' a bh' aig na h-eich a bha sin. 'S gu fac' iad seo gu tachairt.


Agus, sin agad mar a bha na naidheachdan a bh' air an aithris air eich agus air coin.

Joe Neil MacNeil
An Rubha Meadhanach | Middle Cape 583 recordings Faic pròifil | view profile