Back to recordings

Naidheachd air Na h-Eich Air an Robh an Taibhs'

0:00
0:00 Download MP3

Tar-sgriobhadh | Transcription

Download transcription

GF219i05N NAIDHEACHD AIR NA H-EICH AIG AN ROBH TAIBHSE


Beulaiche: Eòs Nìll Bhig | Joe Neil MacNeil



Agus bha mi fhìn is Dòmhnall MacEacharn a' bruidhinn gu robh e coltach gu robh taibhs aig na h-eich. Agus a-réir na naidheachdan, tha mi 'n dùil gu robh a leithid sin ann. Tha mi 'smaointinn gun tug mi dhuibh naidheachd roimhe air cunntais a bh' agam air eich aig robh taibhs. Mar a bha mi 'cantail ri Dòmhnall Eògainn is sinn a' seanchas mu dheidhinn taibhs aig eich, tha mi 'dol a dh'innse dà naidheachd air a' sin agus bha eòlas agam fhìn air na daoine agus chunnaic mi na h-eich a bha seo.


Agus bha dithis do dhaoin' òg a' tighinn dhachaigh air feasgar agus each agus sleighe a bh' aca, na slaod mar a thogramaid a dh'ràdhainn ann a' Ghàidhlig dhomhain. Agus thachair boireannach riuth' air a' rathad agus bha 'ad ag innse dhomh a-rithist a' sgaoim a ghabh an t-each car mu 'n àm a thachair am boireannach riuth'. 'S bha e 'cur mór iongnadh orra. Thug an t-each leum ás a-null gu taobh a' rathaid dìreach mu 'n do thachair 'ad ris a' bhoireannach seo. Agus chuir e iongnadh mór orra gu dé bhiodh ann. Agus chaidh sin seachad agus tha mi cinnteach nach eil cuimhn' aig a h-aon aca nach do smaointich 'ad.


Ach bha mi ann an àit' ud air chéilidh oidhche agus bha fear ag innse dhomh naidheachd mu dheidhinn rud a chunnaic e fhéin. 'S e seòrsa do rud a chuir eagal air a bh' ann.


'S thuirt a bhean rium, "Chan fhaca mis' idir e," ars' ise. "Ach dh'aithnich mi, ars' ise, "gu robh mo chompanach a' faicinn rud neònach," ars' ise, "mar a bha e 'dol."


Agus, dh'innse e dhomh an t-àite anns a robh e 'dol seachad nuair a thàinig an gnothach a bha seo air. Agus nach dàinig seo 'nam chuimhne, fear a rinn, na balaich ag innse dhomh mu dheidhinn an turas a ghabh an t-each a' sgaoim a bha seo 's a leum e a-null. Agus 's e fear, duine a bha 'siubhal sios a' rathaid ann a' sin ann an carbad agus tha e coltach gu robh e 'falbh car glé luath a's an àm. Agus bhuail e ann an ceann drochaid bheag a bh' ann agus chuir e—chuir sin tilleadh a's a' charbad 's ghabh e 'null gu fiaradh agus bhuail i anns a' bhruthaich air an taobh eile a' rathaid. Agus leis a' bhuille a thugadh seachad, chaidh esan a mharbhadh.


Agus tha mi 'smaointinn gura h-e taibhs' a bha an t-each a' faicinn nuair e thug e maoimeadh a bha sin ás. B' aithne dhomh fhìn na gillean ann 's chunna mi an t-each tric gu leòr. 'S ioma turas a shiubhal mi ann an carbad as a dheoghaidh.


Joe Neil MacNeil
An Rubha Meadhanach | Middle Cape 583 recordings Faic pròifil | view profile