Coin is Eich Ro Thaibhse
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF219i04N COIN IS EICH RO THAIBHSE
Beulaiche: Eòs Nìll Bhig | Joe Neil MacNeil
Bha mi fhìn agus Dòmhnall Eòghainn MacEachainn a' bruidhinn air coin agus air eich mar a bhiodh taibhs' aca is mar a dheanadh...mar a chuidicheadh 'ad an each. Agus bha e aca 's an t-seanchas gun tionndadh an t-each air do thaobh fhéin 'gad chuideachdh a dh' aindeoin chùis, ach gu robh e fìor chunnartach gu h-ann a thoinndadh an làir 'nad aghaidh: gum biodh i air taobh do namhaid agus a' deanamh coire dhut nuair a thachair bòcan riut. Ach bha e air a sheanchas nuair a bhiodh ròpa air a chuir mu h-amhaich - na ged nach biodh ann ach snàithlein do shnàth clòimheadh air a cheangail air a h-amhaich - gum biodh i air do thaobh fhéin an uair sin, agus ru robh i pailt cho guineach, neo ma dh'fhaoidte na bu truime na sin an aghaidh na namhaid, nam fuath air do thaobhsa.
Ach bha 'n cù air a chunntais fìor mhath dhut, ach gum feumadh tu air réir an t-seanchas a bh' aca a bhith glé chinnteach nach do dh' éibh thu air ainm a' choin. Bha cunnart ann nan éibheadh tu air ainm a' choin gun tionndadh an cù 'nad aghaidh: gum faigheadh a fuath greim air ainm a' choin agus gun tionndadh e an cù 'nad aghaidh fhéin. Agus uime sin cha robh e air a chunntais idir freagarrach ainm a' choin a thoirt. Ach bha e air cantail ged a bha 'n cù guineach airson oibreachadh air do thaobh, nach robh sian idir anns a' chù airson do chuideachadh an taca ris a' ghallaidh; ach gu robh e cho cunnartach gum faodadh i fhéin tionndadh 'nad aghaidh. Ach bha e air a sheanchas nan ligeadh tu fuil as a' chluais aice gun toireadh i as a chéile e ged a b'e Sàtan fhéin a thachradh; gu robh i cho cunnartach gun tugadh i as a chéile e.
Agus bho 'n a tha mi as an t-seanchas, a bhith bruidhinn mu dheidhinn chon, chuala mise cho tric aig a' mhuinntir, bhacadh 'ad thu. Chanadh 'ad riut,
"Na cuir cù 'san oidhche agus na caisg cù".
Bha e a' ciallachadh cù a chuir mar gun cuireadh tu cù as deaghaidh beathaichean na beathach na daoine na creutair. Mar a bheireadh 'ad ann am Beurla, "send the dog," or "stick the dog". Cha robh cù agad ri chuir neo ri chasg 'san oidhche le ceartas. Chuala mi iad tric—bhacadh 'ad e.
O mar a bha an t-seann fheadhainn bha cuid mhór dhen leithid dhe seo a' dol.