Back to recordings

Bòcan Cnoc a' Bhidse

0:00
0:00 Download MP3

Tar-sgriobhadh | Transcription

Download transcription

GF219i03N BÒCAN CNOC A' BHIDSE


Beulaiche: Eòs Nìll Bhig | Joe Neil MacNeil



Tha mi dol a dh'innse dhuibh naidheachd bheag 's ann aig Aonghas Mac'Illmhaoil (Aonghas Alasdair 'ic Nìll 'ic Iain 'ic Mhurchaidh 'ac Dhòmhnaill) a chuala mi an naidheachd a bha seo air Bòcan Cnoc a' Bhidse.


'S ann shuas air tìr mór ann a' Siorramachd Antigonish a tha an t-àite ris an abair 'ad Cnoc a' Bhidse. Agus tha e coltach gu robh 'ad daonnan a' faicinn neo a' faireachdainn bòcan co dhiubh. Chan eil fhios 'am a robh 'ad...am fac 'ad sian ach bhiodh am bòcan a bh' ann. Tha e coltach gun do ghabh cuid do dhaoine uidhir do sgaoim ro 'n ghnothach a bh' ann 's nach bite gabhail a' rathaid seo idir. Cha bhite siubhail air a' rathad.


Agus bha turas a bha seo, tha e coltach gu robh an t-easbuig a' tilleadh à àiteigin 's i anmoch 'san oidhche 's e marcachd agus 's e seo a' rathad a ghabh e. Feumaidh gura h-e a' rathad bu ghiorra airson a thoirt dhachaidh agus ghabh e a' rathad a bha seo. Agus thachair am bòcan ris air Cnoc a' Bhidse. Agus nuair a dh'éirich an t-each suas airson tòiseachadh air cath ris a' bhòcan, thuit an t-easbuig air làr. Agus bha e ann a' sin 'sa pholl 's tha mi cinnteach gu robh e air a stradadh poll gu leòr is an t-each ag obair le chasan. Agus tha e coltach gu robh sin a' dol air n-aghaidh gus na ghairm an coileach. Agus sguir an cath an uair sin.


Agus bha feadhainn a' foighneachd dha 'n easbuig nuair a chunnaic 'ad an coltas as a robh aodach - bha e làn poll, an t-aodach aige, na eabar - dh'fhoighneachdadh dha gu dé thachair.


"O", ors' esan, "nam biodh bruidhinn aig an each ghlas 's e dh' innseadh sin dhuibh. Ach chan urrainn mise innseadh," ors esan. "Cha do dh'fhiosraich mi e uile. Ach cha chan fhaic 's cha chluinn 'ad an córr," ors' esan, " air a' chnoc dheth sin co dhiubh."


Agus sin an naidheachd a fhuair mi air Cnoc a' Bhidse.


Notes (fieldnotes):
Source: Aonghus Mac 'Illemhaoil.

Joe Neil MacNeil
An Rubha Meadhanach | Middle Cape 583 recordings Faic pròifil | view profile