Back to recordings
Òran do Dhòmhnuill Mac'IllFhinnein
A’ chiad sreath | First Line
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF218i08 ÒRAN DO DHÒMHNUILL MAC'ILLFHINNEIN
Beulaiche: Seonaidh mac Dhonnchaidh 'ic Mhurchaidh Eoghainn Dhonnchaidh | Johnny MacLennan
Bàrd: Dùghall Iain Ruaidh | Dougall MacLennan
[Séist]: Hi iù o, ra iù o
Is tu mo nighean donn bhòidheach
Hi iù o, ra iù o
Nighean donn na [malaidhean?]
['S do mhal'?] air sgàth mo leònadh.
Is dh'aithnich mi taigh-sgoile,
'S e toileach a dh'fhàg bròn mi.
Sandaidh Ross a [shìneadh?]
'S a brìgh do dhìth air còmhnaidh.
Sandaidh Hill 's e 'bleigeardach,
Mu Cheiteag Nic an Tòisich.
'S bliadhna bho an Nollaig seo,
Bha sinn air [froilig?] còmhladh.
Bliadhna bho 'n bliadhn' ùireadh,
Bha mi do rùn an dòchas.