Back to recordings

A' Singileadh an Taighe (Raghnall Màiri Bhàin)

0:00
0:00 Download MP3

Tar-sgriobhadh | Transcription

Download transcription

GF214i09N A' SINGILEADH AN TAIGHE (RAGHNALL MÀIRI BHÀIN)


Beulaiche: Aonghas mac Aonghais Thòmais | Gussie Campbell
Tar-Sgrìobhadh: Oighrig NicFhraing | Effie Rankin


[Gussie Campbell]: …Bha seann taigh beag aige—chì thu e fhathast, 's ann dìreach cross bho 'n bhanc ann an Seastago—seann taigh beag 's bha tri roofachan air, car de French roof.


[John Shaw]: An e sin far a' robh e fuireach?


[GC]: Shin far an robh e fuireach.


[JS]: Bha shop aig a bhean ann a' sin?


[GC]: Bha, bha, bha. O, thàinig e á Glencoe an toiseach, 's ann an Glencoe a rugadh e.


[JS]: 'S ann.


[GC]: Ach start e air singileadh an taigh bhig a bha seo, o bha na shingles eagallach dona air an taigh 's fa dheireadh, start e air a shingileadh. Thàinig seann Mhaighstir Dòmhnall Mac a' Phearsain mu chuairt. "Uill, a Raghnaill, tha mi faicinn gu bheil thu startadh air singileadh an taighe." "Thòisich," thuirt Raghnall. "Bheil thu dol a shingileadh an dà thaobh am bliadhna?" "O, cha chreid mi gu singil mi ach an taobh a-mach am bliadhna!"


Translation:
Shingling the House


[Gussie Campbell]: He had a little old house—you can still see it, it was directly across from the bank in Port Hood—a little old house with three roofs, sort of a French roof.


[John Shaw]: Was that where he lived?


[GC]: That's where he lived.


[JS]: His wife had a shop there?


[GC]: Yes, yes, yes. Oh, he came from Glencoe first of all, he was born in Glencoe.


[JS]: He was.


[GC]: Yes. But, he started to shingle this little house, oh the shingles on the house were very bad and finally, he began to shingle. Old Fr. Donald MacPherson came around. "Well, Ronald, I see that you are starting to shingle the house." "I am," said Ronald. "Are you going to shingle both sides this year?" "Oh, I believe I will only shingle the outside this year!"

Gussie Campbell
Cùl Shiudaig | Gussieville 4 recordings Faic pròifil | view profile