GF214i09N A' SINGILEADH AN TAIGHE (RAGHNALL MÀIRI BHÀIN) Beulaiche: Aonghas mac Aonghais Thòmais | Gussie Campbell Tar-Sgrìobhadh: Oighrig NicFhraing | Effie Rankin [Gussie Campbell]: …Bha seann taigh beag aige—chì thu e fhathast, 's ann dìreach cross bho 'n bhanc ann an Seastago—seann taigh beag 's bha tri roofachan air, car de French roof. [John Shaw]: An e sin far a' robh e fuireach? [GC]: Shin far an robh e fuireach. [JS]: Bha shop aig a bhean ann a' sin? [GC]: Bha, bha, bha. O, thàinig e á Glencoe an toiseach, 's ann an Glencoe a rugadh e. [JS]: 'S ann. [GC]: Ach start e air singileadh an taigh bhig a bha seo, o bha na shingles eagallach dona air an taigh 's fa dheireadh, start e air a shingileadh. Thàinig seann Mhaighstir Dòmhnall Mac a' Phearsain mu chuairt. "Uill, a Raghnaill, tha mi faicinn gu bheil thu startadh air singileadh an taighe." "Thòisich," thuirt Raghnall. "Bheil thu dol a shingileadh an dà thaobh am bliadhna?" "O, cha chreid mi gu singil mi ach an taobh a-mach am bliadhna!" Translation: Shingling the House [Gussie Campbell]: He had a little old house—you can still see it, it was directly across from the bank in Port Hood—a little old house with three roofs, sort of a French roof. [John Shaw]: Was that where he lived? [GC]: That's where he lived. [JS]: His wife had a shop there? [GC]: Yes, yes, yes. Oh, he came from Glencoe first of all, he was born in Glencoe. [JS]: He was. [GC]: Yes. But, he started to shingle this little house, oh the shingles on the house were very bad and finally, he began to shingle. Old Fr. Donald MacPherson came around. "Well, Ronald, I see that you are starting to shingle the house." "I am," said Ronald. "Are you going to shingle both sides this year?" "Oh, I believe I will only shingle the outside this year!"