Back to recordings

An Làir Ghlas

0:00
0:00 Download MP3

A’ chiad sreath | First Line

Tar-sgriobhadh | Transcription

Download transcription

GF212i19 AN LÀIR GHLAS


Beulaiche: Iain Dhòmhnaill Iain Lachlainn | John Alex MacEachern
Tar-Sgrìobhadh: Froilig Thar-Sgrìobhadh air Loidhne | Online Transcription Frolic 2024-03-25



[Séist]: Will you marry me my bonnie highland lassie?
Will you marry my dandy?
So answer me my bonnie highland lassie?
Gur fhada bho 'n a bha mi an geall ort.


'S ann dh'fhalbh mi air Dihaoine.
'S ann agam bha 'n droch shaoghal
Tha fhios gur h-e [an aonais/Aonghais?] thug ann mi.
Bha a' làir ghlas cho fiadhaich nach cumainn air an t-srian i
Nam bitheadh agam geur gus a ceannsachadh


'S nuair fhuair mi air an t-sràid i
Thug mi beagan [t-sràc?] dhi
Chuala mi guth gàbhaidh 'san àm sin.
Seachad air an ath oidhch', chan fhac' 'ad dhìom ach sgàile
'S gu shaoileadh gun do bhàthadh 'san t-àm mi.


'S thuirt Niall ri Dòmhnall
Nach sìn thu dhomh ròpa
Is cuiridh e gu dòigheil aig ceann e.
'S ma bhio i 'dol far orders, 's e car a chuir mun sròine
Gum bidh sinn cho solta ri seann each.


'Dol seachad air na bruachan
Sheall mi far mo ghualainn
Dh'fhairich ise fuaim a's an àm sin
Dh'atharraich i culasan, is dh'fhalbh i na bu luaithe
'S mura d' thàna' mis' a-nuas [tha/chaidh/chaill?] mi 'n ceann air


'S nuair ràna mi Ship Harbour
Bha iad buileach sàraichte
Is chum [i/mi?] ann a' stabull a [dh'fhanntaich/granndaich?] i
Ghlas mi 'sa stabull 's an iuchar nam phoca
'S cha robh anns an ait' thigeadh teann oirr'.


'S an duine thigeadh làmh' rium
'S a bheireadh air a' làir seo
Bheirinn-s' dolair Spàinnteach 'sa làimh dha
Cuirear 'ad 'sa phairc' i neo ceangladh iad ri stake i
'S mo mhollachd-sa gu bràch aig an t-seann làir

John Alex MacEachern
Beinn Noah | Hillsdale 11 recordings Faic pròifil | view profile