GF212i19 AN LÀIR GHLAS Beulaiche: Iain Dhòmhnaill Iain Lachlainn | John Alex MacEachern Tar-Sgrìobhadh: Froilig Thar-Sgrìobhadh air Loidhne | Online Transcription Frolic 2024-03-25 [Séist]: Will you marry me my bonnie highland lassie? Will you marry my dandy? So answer me my bonnie highland lassie? Gur fhada bho 'n a bha mi an geall ort. 'S ann dh'fhalbh mi air Dihaoine. 'S ann agam bha 'n droch shaoghal Tha fhios gur h-e [an aonais/Aonghais?] thug ann mi. Bha a' làir ghlas cho fiadhaich nach cumainn air an t-srian i Nam bitheadh agam geur gus a ceannsachadh 'S nuair fhuair mi air an t-sràid i Thug mi beagan [t-sràc?] dhi Chuala mi guth gàbhaidh 'san àm sin. Seachad air an ath oidhch', chan fhac' 'ad dhìom ach sgàile 'S gu shaoileadh gun do bhàthadh 'san t-àm mi. 'S thuirt Niall ri Dòmhnall Nach sìn thu dhomh ròpa Is cuiridh e gu dòigheil aig ceann e. 'S ma bhio i 'dol far orders, 's e car a chuir mun sròine Gum bidh sinn cho solta ri seann each. 'Dol seachad air na bruachan Sheall mi far mo ghualainn Dh'fhairich ise fuaim a's an àm sin Dh'atharraich i culasan, is dh'fhalbh i na bu luaithe 'S mura d' thàna' mis' a-nuas [tha/chaidh/chaill?] mi 'n ceann air 'S nuair ràna mi Ship Harbour Bha iad buileach sàraichte Is chum [i/mi?] ann a' stabull a [dh'fhanntaich/granndaich?] i Ghlas mi 'sa stabull 's an iuchar nam phoca 'S cha robh anns an ait' thigeadh teann oirr'. 'S an duine thigeadh làmh' rium 'S a bheireadh air a' làir seo Bheirinn-s' dolair Spàinnteach 'sa làimh dha Cuirear 'ad 'sa phairc' i neo ceangladh iad ri stake i 'S mo mhollachd-sa gu bràch aig an t-seann làir