Deoch-slàinte luchd nam breacannan
A’ chiad sreath | First Line
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF209i02 DEOCH SLÀINTE LUCHD NAM BREACANNAN
Beulaiche: Eòs Ailean mac Ruairidh Chaluim Ghobha | Joe Allan MacLean
Bàrd: Iain Ailein | Bàrd Thighearna Cholla | Am Bàrd MacGilleEathain | Bàrd Amhainn Bhàrnaidh | John MacLean
Rathad na seann dùthcha o chionn àireamh mhór de bhliadhnaichean bha election a' dol a bhith ann agus bha am bàrd Mac 'Illeathain ud a bha 'san t-seann dùthaich bha car deiseil airson deanamh dhuanagan de dh'òrain agus chaidh e gu taigh oidhch' agus bha 'ad a' bruidhinn air an election is thuirt 'ad ris gum bu chòir dha ceathramhan a chur ri chéile de dh'òran dha 'n election is thuirt e gun dèanadh e siud ma bha 'ad ag iarraidh air, gu dearbh fhéin [—e gu robh?]—start e an uair sin air an fhonn seo:
[Séist]: Deoch-slàinte luchd nam breacanan
'S e cuir mu 'n cuairt a b' aite leinn
Gun òlamaid gu sgairteil i
Air lasgairean a' chruadail
Tha naidheachd ùr an dràsd' againn
Tha cùirt [droch?] aig a' phàrlamaid
Gach taoch a chruinneadh càirdean
Feuch as fheàrr aca nì [buanntachd?]
A Ghàidheil bithibh [ceannlaideach? ]
Is cuimhnichibh air [Campbelltown?]
Bu tric thug [dhuais?] nan campaichean
Ag iomairt lann le cruadal
A' mhuinntir a tha 'g ràdhtainn rinn
Nach b' fhiach sib' fhéin 'na Ghàidhealtachd
Bidh cuimhn' agaibh an dràsd' orra
Agus àrdaich thu an cluaran
Ma nì sibh gnìomh gu h-eireachdail
'S gun cuir sibh cùis gu deireadh leis
Gun déan mi òran eile dhuibh
Cha cheil mi air an t-sluagh e
O chan eil cuimhn' agam air—air an corr.
Reference sources:
Clàrsach na Coille, ed. Alexander MacLean Sinclair (1881), p. 142.