GF209i02 DEOCH SLÀINTE LUCHD NAM BREACANNAN Beulaiche: Eòs Ailean mac Ruairidh Chaluim Ghobha | Joe Allan MacLean Bàrd: Iain Ailein | Bàrd Thighearna Cholla | Am Bàrd MacGilleEathain | Bàrd Amhainn Bhàrnaidh | John MacLean Rathad na seann dùthcha o chionn àireamh mhór de bhliadhnaichean bha election a' dol a bhith ann agus bha am bàrd Mac 'Illeathain ud a bha 'san t-seann dùthaich bha car deiseil airson deanamh dhuanagan de dh'òrain agus chaidh e gu taigh oidhch' agus bha 'ad a' bruidhinn air an election is thuirt 'ad ris gum bu chòir dha ceathramhan a chur ri chéile de dh'òran dha 'n election is thuirt e gun dèanadh e siud ma bha 'ad ag iarraidh air, gu dearbh fhéin [—e gu robh?]—start e an uair sin air an fhonn seo: [Séist]: Deoch-slàinte luchd nam breacanan 'S e cuir mu 'n cuairt a b' aite leinn Gun òlamaid gu sgairteil i Air lasgairean a' chruadail Tha naidheachd ùr an dràsd' againn Tha cùirt [droch?] aig a' phàrlamaid Gach taoch a chruinneadh càirdean Feuch as fheàrr aca nì [buanntachd?] A Ghàidheil bithibh [ceannlaideach? ] Is cuimhnichibh air [Campbelltown?] Bu tric thug [dhuais?] nan campaichean Ag iomairt lann le cruadal A' mhuinntir a tha 'g ràdhtainn rinn Nach b' fhiach sib' fhéin 'na Ghàidhealtachd Bidh cuimhn' agaibh an dràsd' orra Agus àrdaich thu an cluaran Ma nì sibh gnìomh gu h-eireachdail 'S gun cuir sibh cùis gu deireadh leis Gun déan mi òran eile dhuibh Cha cheil mi air an t-sluagh e O chan eil cuimhn' agam air—air an corr.