Òran do dh'Iain Mac'IllÌosa
A’ chiad sreath | First Line
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF208i08 ÒRAN DO DH'IAIN MAC'ILLÌOSA
Beulaiche: Màiri Anna ni’n Dhòmhnaill Raghnaill | Mary Ann MacEachern
[Séist]: Tha mi 'seo 'sa choille chruinn
Teannaidh mi ri togail fuinn
Tha na gillean òga cruinn
Is b' fheàrr leam fhín gun robh mi ann
Siud a' bhanais rinn a' fuaim
Rinn Iain Dhòmhnaill air DiLuain
Gur e Eòghainn fhuair an duais
Chaidh a dh'uircean anns a' pholl
Nuair thill iad a Glendale
An deaghaidh dhe 'n pòsadh a bhi réidh
Chaidh an fhìdheall chuir air gleus
Gus a' chéil' a' chur a dhanns
Chuir iad am Bràighneach far a dhòigh
Cha d' fhuair e 'leòr ri òl
Bhuail e 'n fhìdheall air a' bhòrd
Cha sheinneadh e ceòl nan taing
Bha Seumas ann an cùil
Eagal aige ro na dùirn
Cloinn 'Ill Iòs' 's 'ad air a smùid
Daoine tùrail ás an ceann
'S ged nach eil mi fhín nam bhàrd
'S math a dhreasas mi na clàr
Dh'eiridh tubaist air a spreidh
Is o cha bhi iad ceàrr no cam
Tha mi nam shuidh 's a cheann shìos
'S mi ri cuimhneachadh air Dia
Thàinig Eòghainn leis a' sgian
'S i cho geur ag iarraidh lanns'
'S ged nach eil mi fhín nam bhàrd
'S math a dhreasas mi na clàr
Dh'éirigh tubaist air a spreidh
Is o cha bhi 'ad iad ceàrr no cam
Thuirt Iain, bha iad short
Chuir siud mise far mo dhòigh
Eagal bhi orm-sa troimh a' chorr'
Dh'fheuchainn clòbhar anns an àm
Dh'éirich Eòghainn moch DiMàirt
Chuir e an caoch air—
Chaidh Eòghainn air an t-sràid
Chuir e 'n caoch air a' làir
Gun do dhraibh e i do 'n Bhràigh'
'S e 'ga sracadh anns an àm
Dh'éirich Dòmhnall moch DiMàirt
Chuir e aghaidh air an t-sràid
Chuir e 'n coilear air a' làir
'S a' mhuc a bha gu h-àrd air chall
Thill Dòmhnall air a shàil
Dh'innis e dhe 'n bhean mar bha
C'uime nach gabh thu ort gu bràth
Fhuair mi bhragsidh bhuam 'san àm