GF208i08 ÒRAN DO DH'IAIN MAC'ILLÌOSA Beulaiche: Màiri Anna ni’n Dhòmhnaill Raghnaill | Mary Ann MacEachern [Séist]: Tha mi 'seo 'sa choille chruinn Teannaidh mi ri togail fuinn Tha na gillean òga cruinn Is b' fheàrr leam fhín gun robh mi ann Siud a' bhanais rinn a' fuaim Rinn Iain Dhòmhnaill air DiLuain Gur e Eòghainn fhuair an duais Chaidh a dh'uircean anns a' pholl Nuair thill iad a Glendale An deaghaidh dhe 'n pòsadh a bhi réidh Chaidh an fhìdheall chuir air gleus Gus a' chéil' a' chur a dhanns Chuir iad am Bràighneach far a dhòigh Cha d' fhuair e 'leòr ri òl Bhuail e 'n fhìdheall air a' bhòrd Cha sheinneadh e ceòl nan taing Bha Seumas ann an cùil Eagal aige ro na dùirn Cloinn 'Ill Iòs' 's 'ad air a smùid Daoine tùrail ás an ceann 'S ged nach eil mi fhín nam bhàrd 'S math a dhreasas mi na clàr Dh'eiridh tubaist air a spreidh Is o cha bhi iad ceàrr no cam Tha mi nam shuidh 's a cheann shìos 'S mi ri cuimhneachadh air Dia Thàinig Eòghainn leis a' sgian 'S i cho geur ag iarraidh lanns' 'S ged nach eil mi fhín nam bhàrd 'S math a dhreasas mi na clàr Dh'éirigh tubaist air a spreidh Is o cha bhi 'ad iad ceàrr no cam Thuirt Iain, bha iad short Chuir siud mise far mo dhòigh Eagal bhi orm-sa troimh a' chorr' Dh'fheuchainn clòbhar anns an àm Dh'éirich Eòghainn moch DiMàirt Chuir e an caoch air— Chaidh Eòghainn air an t-sràid Chuir e 'n caoch air a' làir Gun do dhraibh e i do 'n Bhràigh' 'S e 'ga sracadh anns an àm Dh'éirich Dòmhnall moch DiMàirt Chuir e aghaidh air an t-sràid Chuir e 'n coilear air a' làir 'S a' mhuc a bha gu h-àrd air chall Thill Dòmhnall air a shàil Dh'innis e dhe 'n bhean mar bha C'uime nach gabh thu ort gu bràth Fhuair mi bhragsidh bhuam 'san àm