Back to recordings

An Réiteach

0:00
0:00 Download MP3

Tar-sgriobhadh | Transcription

Download transcription

GF207i08 A' RÉITEACH


Beulaiche: Seònag Mairead ni'n Dòmhnaill 'ic Iain 'ic Dhòmhnaill | Jessie Mary MacLeod
Tar-Sgrìobhadh: Làrach-lìn "An Drochaid Eadarainn" (Baile nan Gaidheal) | "An Drochaid Eadarainn" Website (Highland Village Museum)
Nuair a bha balach a' dol a choimhead airson bean bho chionn fhada, bliadhnaichean air ais, nuair a bhiodh iad dol a choimhead airson bean, dh'fheumadh athair a dhol còmhla ris. 'S e réiteach a bh' ac' air, air a' sin. Agus, dheigheadh an t-athair is a mhac, dheigheadh iad chun an taigh'. 'S bhruidhneadh iad mu dheidhinn a' nighean 's bhiodh a h-uile dad a chur air dòigh ann a' shin. 'S dheanadh iad an uair sin suipear mhór 's dh'itheadh iad a' suipear 's dheigheadh iad dhachaigh. Phòsadh 'ad an ceann tìde. Cha bhiodh 'ad glé fhada gun phòsadh as deoghaidh sin. Bha 'ad a' toirt seachad bó leis a' nighean. A h-uile nighean a phòsadh an uair 'ud, dh'fheumadh iad, dh'fheumadh a h-athair bó a thoirt dhi.



Jessie Mary MacLeod
Còbh nam Breatannach | Breton Cove 3 recordings Faic pròifil | view profile