GF205i01CUMHA DH'A MHNAOI Beulaiche: Eòs mac Iain ghobha 'ic Iain 'ic Lachlainn | Joe Lawrence MacDonald Bàrd: Seòras MacCoinnich | Fear Ghrinneard | George MacKenzie [Séist]: 'S tha mo chridhe 'fàs trom, 'S taobh mo leabaidh 'fàs lom 'S cha togair leam fonn air chòir Fhuair mi bhuam leis an eug 'S air m' fhìrinn cha bhreug Mi cho fìnealt ri leigan òir Thréig am b'ailleantan 'uat Neoil an dreach ort mun cuairt Deud mar chailc agus gruaidh mar ròs Do ciabh cas-lubach donn Shlios mar eala air an tonn 'Do bheul meathair o 'm b'fhonnmhor glòir. Do shùil mar dhearcaig nan allt 'S do ghuth mar smeòrach air chrann A' seinn luinneag an gleann ri ceòl 'S ann 's a' choill' nach robh cruinn Fhuair mi slat nach robh grinn 'S i àlainn, ùr, fìnealt, òg Tha do m' òg ghaol a tha Air na ghlac thu mo làmh 'S mór an tainead ad stath is 'ad sròl Cha robh crine 'nad bheus Le bu shuarach an treud Fhuair thu measalach feum le còir B'e h-atharrainn le mo bheachd O'n a bhuannaich thu math 'S iad nach fhàgadh a chreach gun tòir Bhiodh gach capall 's gach ball Chaidh mo mhisneachd air chall Tha mo sgìob' air 'fàs mall gun treòir Dh'fhàg thu mise bochd, truagh, Mar luing reòit' air a' chuan An déidh na siùil a thoirt bhuap 'sa seòl. Chì thu chuirinn 's gu tìr 'On mhuc-mhara le sìth Cuir gu cala mi-fhìn 's mo lòd Ged tha mise dheth bochd Dh'fhàg e 'n té tha fo 'n phloc Bhith an dòchas feuch toirt mu 'n bhòrd Bhuam gun deanainn-sa 'n nuas Mar nach tì ach seach chluais Tha na ceudan dol bhuainn gach là Bidh mi uair as an déidh Air an eudaich nach tréig Chum 's gum faic sinn ri chéil' an Glòir