Back to recordings

Eachann Dòimhgein agus na Casan Reòite

0:00
0:00 Download MP3

Tar-sgriobhadh | Transcription

Download transcription

GF200i08 EACHANN DÒIMHGEIN AGUS NA CASAN REÒITE


Beulaiche: Dòmhnaill 'Illeasbuig mac Aonghais 'ic Alasdair | Dan Allan Gillis
Tar-Sgrìobhadh le: Oighrig NicFhraing | Effie Rankin


[Dan Allan Gillis:] Ghabh iad suaineach oidhche agus chaidh ia—dh'èirich cliobaist air choireigin dhaibh 's reoth na casan aige dona. Thàinig e sin a-nuas gu Camp Hill agus bha e staigh an sin—o bha e mu thrì mìosan ann. Ach bha coimhearsnach de dh'Aonghas a bhràthair a New Waterford ann—fear a dh'fhaighnicheadh barrachd cheistean 's a dh'fhaighnicheadh fear a bhiodh a' cur nan ceistean ort, 's chaidh e staigh 's dh'fhaighnich e do dh'Eachann, "Ach Eachainn, ciamar a thachair seo dhut?" "Innsidh mise dhut, Aonghais, innsidh mise dhut ciamar a thachair seo. Shìos an Inverness-tha 'ad—creidmhich uamhasach ann, agus gu h-àraid aig Nollaig. Agus Oidhche Nollaig, tha 'n dà eaglais—an eaglais Phròstanach agus an Eaglais Chaitligeach—tha iad cho làn 's nach fhaigh thu staigh air an doras. Bha mise Oidhche Nollaig a' gabhail deochan 's bha mi anmoch a ruighinn suas 's dar a ràinig mi, cha robh agam ach mo ghlùinean a-staigh 's mo chasan a-mach. Nuair a bha 'n aifhrionn seachad, bha na casan agam reòite. Shin mar a dh'èirich dhòmhsa!"

Reference sources:
"Eachann Dhòimhgein," An Drochaid Eadarainn, https://web.archive.org/web/20250112200936/https://www.androchaid.com/eachann-dh%C3%B2imhgein

Dan Allan Gillis
An Camus Leathann | Broad Cove 12 recordings Faic pròifil | view profile