Back to recordings

Òran Alasdair Dhòmhnaill a' Chùil

0:00
0:00 Download MP3

A’ chiad sreath | First Line

Tar-sgriobhadh | Transcription

Download transcription

GF199i04 ÒRAN ALASDAIR DHÒMHNAILL A' CHÙIL


Beulaiche: Eòs Ailean mac Ruairidh Chaluim Ghobha | Joe Allan MacLean
Bàrd: Alasdair MacNìll | Alec MacNeil



Bha seann duine shìos ann an àite ris an canadh 'ad, "Taobh Pòn na Maiseadh" agus bu tric dha gum biodh esan a' deanamh roinn do bhàrdachd agus tha teansa, a' bhliadhna a bh' ann a seo, an duine bochd, gu robh a' saoghal car doirbh air agus [smaointich e gur ann a/gu' robh e?] dheanadh e òran, agus [dh'aontaich/smaoinntich?] e gun robh e—dheanadh òran co dhiubh agus, a' latha a bha seo, agus start e agus rinn e an t- òran mar seo:



'S e seo a' bhliadhna ann a rinn mo chiaradh
'S a dhealaich m' fheusag air iomadh dòigh
Ma nì mi spìonadh na bheil air liathadh
Cha mhór is d' fhiach a bhios ann a córr
'S ann nì mi fàgail a nisd mar tha i
[On?] nì i blas i anns a' gheamhradh mhór
A bhean ag ràitinn gur dona a ghràidh ann
Cho sean 's a dh' fhàs thu 's gun thu ach òg.


Bhith òg 's an aimsir 's e rud nach soirbh,
Ach 's e gnothach doirbh do dhuine a bhith beò
Mun dean thu [phàigheadh/feitheamh?] no is math le càch dhiot
Cha mhór a dh' [fhàg thu 's tu fhéin a Mhóir?/dh'fhàgas tu fhéin a' bhòrd?]
Airgead banrighinn 's rud beag na phàipear
'S an t-easbuig [àrd/ gann ? rinn thu dhà/ 'g ràdh nach d' thug thu dhà?] gu leòr
Maighstir Mìcheil gach latha is oidhche
'S e sìor glaodhaich nach [d' rinneadh/cruinnich?] sibh tórr.


MacLachlann shuas ud[ 's an t-ochdamh uair ann/ 's e an t-olc a bhuair e?]
A rinn e gluasad gu bhith 'nar comhair
'S e beagan solais a thug e a' mhóran
Mun rinn e còmhnaidh mar bhràigh' a' phòin
A chunntais ghreannach e doirbh a' pàigheadh
'S cha d' rinn thu dhà rud [tha sibh 's a chomhair/cha seas a chòrr?]
An dé aig diabhair [?], na h-ailltean[?] is — ma gheobh e h-ailltean, is [dhan cuid àibhneadh/ gun téid e ìonghnadh?]
'S a chuir dhan choill' fhads a bhios e beò.


Tha bothan sìos ud gur tric ag iarraidh
'S [ann ma dean thu fhrithealadh bidh an dìomhair?] mór
Gu [bheil/faigh?] thu am prìosan gu latha na sìorrachd
Gum bi thu shìos ann a sin fo bhròin
Tha e nis cho gàbhaidh 's cho làn droch nàdur
'S cha dean e fàbhar ri neach tha beò
An deigheil dìcheall b'e rud a dhìth oirnn
Tombaca is tì 's gu tric sinn gun bhròg.


'S nuair a thig a' Bhealltuinn is àm na gamhn' ort
Gach beathach fann is ann le [gin/ cion] an fheòil
Bidh coirc' is t-sìl air a thoirt dìreach
Cha bhith sìlean ann mar bu chóir
MacChoinnich Sheumais nuair esan na leumadh
Is sgoil [?] le deichnear a chur na dhòrn
Mur toir thu dha e gun cluinn càch e
Is e fear nas fheàrr na fhear a tòir.


Is mise a fheumadh a nis seiléilidh
'S ma nì 'ad feum 'ad dhomh chan eil 'ad gann
Gur lìonmhor, làidir 's a' choill' a dh' fhàs 'ad
Mun cosg mi a dhà dhiubh gum bidh rud ann
Airson ar [?] 'se Mac an Tàilleir
A chur cho àrd oirnn gach cìs a th' ann
Gun dean mi [naidheachd? mo cheann cho/shrachadh mu 'n ceann gu?] làidir
Gus a' fàg mi e suas an gleann


'S e beagan solais a thug 'ad dhomhsa
Na daoine móra ud air an taobh thall
Cha robh gad bhòt dhomh gus m' fhàgail leòmach
'S e beagan bòsd a th' orm mu dheidhinn
Cha start 'ad labour an deidh mo léireadh
O éirigh gréine gus a' fàs i fann
Tha mi nam thruaghan, gun bhiadh, gun tuarastal
'S chan eil tùr [air/aig' gum biodh siod ann?]


Joe Allan MacLean
Cùl Eilean na Nollaig | Rear Christmas Island 79 recordings Faic pròifil | view profile