GF199i04 ÒRAN ALASDAIR DHÒMHNAILL A' CHÙIL Beulaiche: Eòs Ailean mac Ruairidh Chaluim Ghobha | Joe Allan MacLean Bàrd: Alasdair MacNìll | Alec MacNeil Bha seann duine shìos ann an àite ris an canadh 'ad, "Taobh Pòn na Maiseadh" agus bu tric dha gum biodh esan a' deanamh roinn do bhàrdachd agus tha teansa, a' bhliadhna a bh' ann a seo, an duine bochd, gu robh a' saoghal car doirbh air agus [smaointich e gur ann a/gu' robh e?] dheanadh e òran, agus [dh'aontaich/smaoinntich?] e gun robh e—dheanadh òran co dhiubh agus, a' latha a bha seo, agus start e agus rinn e an t- òran mar seo: 'S e seo a' bhliadhna ann a rinn mo chiaradh 'S a dhealaich m' fheusag air iomadh dòigh Ma nì mi spìonadh na bheil air liathadh Cha mhór is d' fhiach a bhios ann a córr 'S ann nì mi fàgail a nisd mar tha i [On?] nì i blas i anns a' gheamhradh mhór A bhean ag ràitinn gur dona a ghràidh ann Cho sean 's a dh' fhàs thu 's gun thu ach òg. Bhith òg 's an aimsir 's e rud nach soirbh, Ach 's e gnothach doirbh do dhuine a bhith beò Mun dean thu [phàigheadh/feitheamh?] no is math le càch dhiot Cha mhór a dh' [fhàg thu 's tu fhéin a Mhóir?/dh'fhàgas tu fhéin a' bhòrd?] Airgead banrighinn 's rud beag na phàipear 'S an t-easbuig [àrd/ gann ? rinn thu dhà/ 'g ràdh nach d' thug thu dhà?] gu leòr Maighstir Mìcheil gach latha is oidhche 'S e sìor glaodhaich nach [d' rinneadh/cruinnich?] sibh tórr. MacLachlann shuas ud[ 's an t-ochdamh uair ann/ 's e an t-olc a bhuair e?] A rinn e gluasad gu bhith 'nar comhair 'S e beagan solais a thug e a' mhóran Mun rinn e còmhnaidh mar bhràigh' a' phòin A chunntais ghreannach e doirbh a' pàigheadh 'S cha d' rinn thu dhà rud [tha sibh 's a chomhair/cha seas a chòrr?] An dé aig diabhair [?], na h-ailltean[?] is — ma gheobh e h-ailltean, is [dhan cuid àibhneadh/ gun téid e ìonghnadh?] 'S a chuir dhan choill' fhads a bhios e beò. Tha bothan sìos ud gur tric ag iarraidh 'S [ann ma dean thu fhrithealadh bidh an dìomhair?] mór Gu [bheil/faigh?] thu am prìosan gu latha na sìorrachd Gum bi thu shìos ann a sin fo bhròin Tha e nis cho gàbhaidh 's cho làn droch nàdur 'S cha dean e fàbhar ri neach tha beò An deigheil dìcheall b'e rud a dhìth oirnn Tombaca is tì 's gu tric sinn gun bhròg. 'S nuair a thig a' Bhealltuinn is àm na gamhn' ort Gach beathach fann is ann le [gin/ cion] an fheòil Bidh coirc' is t-sìl air a thoirt dìreach Cha bhith sìlean ann mar bu chóir MacChoinnich Sheumais nuair esan na leumadh Is sgoil [?] le deichnear a chur na dhòrn Mur toir thu dha e gun cluinn càch e Is e fear nas fheàrr na fhear a tòir. Is mise a fheumadh a nis seiléilidh 'S ma nì 'ad feum 'ad dhomh chan eil 'ad gann Gur lìonmhor, làidir 's a' choill' a dh' fhàs 'ad Mun cosg mi a dhà dhiubh gum bidh rud ann Airson ar [?] 'se Mac an Tàilleir A chur cho àrd oirnn gach cìs a th' ann Gun dean mi [naidheachd? mo cheann cho/shrachadh mu 'n ceann gu?] làidir Gus a' fàg mi e suas an gleann 'S e beagan solais a thug 'ad dhomhsa Na daoine móra ud air an taobh thall Cha robh gad bhòt dhomh gus m' fhàgail leòmach 'S e beagan bòsd a th' orm mu dheidhinn Cha start 'ad labour an deidh mo léireadh O éirigh gréine gus a' fàs i fann Tha mi nam thruaghan, gun bhiadh, gun tuarastal 'S chan eil tùr [air/aig' gum biodh siod ann?]