Back to recordings

Òran do Chomhairle Cheap Breatuinn

0:00
0:00 Download MP3

A’ chiad sreath | First Line

Tar-sgriobhadh | Transcription

Download transcription

GF198i04N ÒRAN DO CHOMHAIRLE CHEAP BREATUINN


Beulaiche: Eòs Ailean mac Ruairidh Chaluim Ghobha | Joe Allan MacLean
Bàrd: Stephain Dhòmhnuill Ruairidh MacNeil | Stephen MacNeil



[Joe Allan MacLean]: —Dhòmhnaill Ruairidh. A' bhliadhn' a bha seo co-dhiù, chual' e gu robh—gun do rinn na counselloran mistake, gun do chuir iad na tagsaichean na b' àird' air a h-uile duine.


[John Shaw]: Sheadh.


[JAML]: Agus thionndaidh Steaphan agus start e agus rinn e òran. A bheil thu—


[JS]: Tha.


[JAML]: A bheil thu deiseil?


[JS]: Cùm ort.


[JAML]: Agus tha mise dol 'ga sheinn dhuibh an dràsd' ann a' seo.


'S gur e diombach mi 'na Chouncil
A' bhliadhna rinn an eucoir
Taxaichean chuir air na mairbh
Cho doirbh 's a tha dhaibh éirigh


Fhad 's a bha 'ad beò 'nan slàinte
Bha 'ad le 'n toil fhéin
Is thachair mi 'sa rathad
Marbh gur searbh an ainm ri leughadh


Air an ceann dh' fhalbh sinn, leis a' chriuth' bha lurach
Dh'fhalbh sinn [leis] a' bhàta
Leis a' chriuth bha bòidheach, lurach
[Rachadh mór le Earsaidh?]


Nan fheadhainn a tha marbh 'san ùir
Cha chùram gun tig beud riu'
Gun téid MacCoinnich 'null
Is nì e a' chùis a' réiteach


Mu 'n tig na members mu 'n cuairt
Gheibh 'ad duais an céilidh
Aig na taighean-sgoil a dhùnadh
Is cha téid triùir 'gan éisdeachd


Tha mi duilich airson Eachainn
Ged is fallain, treun e
Cha bhith cus aige dha dhuais
Mun téid gach uaidh a réiteach


An diugh na tha marbh 'san uaigh
Cha ghluais, [cha téid e réidh e/réiteach/eigheach?]
Tha 'ad air a' liost' an déidh an cur suas
Tha Peadair Ruadh e fhéin ann


Tha gach nì mar nach robh dùil leam
Tha mi 'n dùil nach tréig 'ad
Gabhaidh mis' air feadhainn ùr'
Nach diùltadh ám an fheum sin sinn

Reference sources:
History of Christmas Island Parish, Archibald J. MacKenzie (1926), p. 200

Joe Allan MacLean
Cùl Eilean na Nollaig | Rear Christmas Island 79 recordings Faic pròifil | view profile