GF198i04N ÒRAN DO CHOMHAIRLE CHEAP BREATUINN Beulaiche: Eòs Ailean mac Ruairidh Chaluim Ghobha | Joe Allan MacLean Bàrd: Stephain Dhòmhnuill Ruairidh MacNeil | Stephen MacNeil [Joe Allan MacLean]: —Dhòmhnaill Ruairidh. A' bhliadhn' a bha seo co-dhiù, chual' e gu robh—gun do rinn na counselloran mistake, gun do chuir iad na tagsaichean na b' àird' air a h-uile duine. [John Shaw]: Sheadh. [JAML]: Agus thionndaidh Steaphan agus start e agus rinn e òran. A bheil thu— [JS]: Tha. [JAML]: A bheil thu deiseil? [JS]: Cùm ort. [JAML]: Agus tha mise dol 'ga sheinn dhuibh an dràsd' ann a' seo. 'S gur e diombach mi 'na Chouncil A' bhliadhna rinn an eucoir Taxaichean chuir air na mairbh Cho doirbh 's a tha dhaibh éirigh Fhad 's a bha 'ad beò 'nan slàinte Bha 'ad le 'n toil fhéin Is thachair mi 'sa rathad Marbh gur searbh an ainm ri leughadh Air an ceann dh' fhalbh sinn, leis a' chriuth' bha lurach Dh'fhalbh sinn [leis] a' bhàta Leis a' chriuth bha bòidheach, lurach [Rachadh mór le Earsaidh?] Nan fheadhainn a tha marbh 'san ùir Cha chùram gun tig beud riu' Gun téid MacCoinnich 'null Is nì e a' chùis a' réiteach Mu 'n tig na members mu 'n cuairt Gheibh 'ad duais an céilidh Aig na taighean-sgoil a dhùnadh Is cha téid triùir 'gan éisdeachd Tha mi duilich airson Eachainn Ged is fallain, treun e Cha bhith cus aige dha dhuais Mun téid gach uaidh a réiteach An diugh na tha marbh 'san uaigh Cha ghluais, [cha téid e réidh e/réiteach/eigheach?] Tha 'ad air a' liost' an déidh an cur suas Tha Peadair Ruadh e fhéin ann Tha gach nì mar nach robh dùil leam Tha mi 'n dùil nach tréig 'ad Gabhaidh mis' air feadhainn ùr' Nach diùltadh ám an fheum sin sinn