Back to recordings

Òran air Steaphain

0:00
0:00 Download MP3

A’ chiad sreath | First Line

Tar-sgriobhadh | Transcription

Download transcription

GF198i03 ÒRAN AIR STEAPHAIN


Beulaiche: Eòs Ailean mac Ruairidh Chaluim Ghobha | Joe Allan MacLean
Bàrd: Eòs Ailean mac Ruairidh Chaluim Ghobha | Joe Allan MacLean



Bha fear—dithis do ghillean shuas againn agus—do ghillean òg. Agus air Oidhche Shamhna, chaidh 'ad a null gu àite ris an can 'ad, "Cùl Ghleann Bharra", agus tha teansa gu robh dileag aca ach ge b'e gu dé thàinig eadarra [leatha ?], shabaidich 'ad, an dithist aca. Agus bha fear aca, 's e Steven Simon a bh' againn air, ainm innseanaich a bh' ann a Eskasoni, agus cha do dh' éibh 'ad riamh dha ach Steaphan.


Leum 'ad air a' chéile air Oidhche Shamhna co dhiubh agus chuala mi fhìn mu dheidhinn agus rinn mi ceathramhan òrain mu dheidhinn sin:


'S tìm dhomh teannadh air òran
A chur air dòigh air na fearaibh
Gur e Steaphan agus [Benedict?]
Air Oidhche Shamhna a tha mi 'cantail
Sheas 'ad mu choinneamh a' chéile
Thug 'ad na gleusaidh ud seachad
Gur a thall aig àite Dhòmhnaill
A bha an còmhradh aig na fearaibh


Siud far nach robh chulaidh-uabhais
An uair a ghluais 'ad gu chéile
Bha faclan aca a bha saucy,
Cuid dhiubh an Gàidhlig, is pàirt dhiubh am Beurla
Gur robh Steaphan, 's e cho diumbach
'S bha anns an Innsean ag éigheachd
[Da liom thu gu monachainn ?]
Idir ri Stephain bheir thu fhéin às


Gun deach fios a-mach dha 'n bhànrighinn
Air a bha an t-àite an [?]
Chruinnich i réiseimeid làidir
[Air sàilleabh/ air sàile, bha?] a' long as cianail
[Drubanan/ trooperan ?] a' tighinn dhan àite
Los gu laighich far a' chliathaich
Gus na réitich 'ad am blàr
A bh' aig na tràillean 's a bha ìochdrach


Gu robh Dòmhnall an taobh shuas dhiubh
'S an cù ruadh ri shàil
Ga leantail a bhruidhinn na faclan am Beurla
Rinn 'ad éisteachd ris [is asal/as fhasa?]
Gu robh Aileag Eachainn Sheumais
'S e na éiginn aig a' bhaile
Leigeil na rionnagan 's na reultan
Is cha robh feum ann ach ann [a' laigh dhiubh/claidheamh?]



Joe Allan MacLean
Cùl Eilean na Nollaig | Rear Christmas Island 79 recordings Faic pròifil | view profile