GF198i03 ÒRAN AIR STEAPHAIN Beulaiche: Eòs Ailean mac Ruairidh Chaluim Ghobha | Joe Allan MacLean Bàrd: Eòs Ailean mac Ruairidh Chaluim Ghobha | Joe Allan MacLean Bha fear—dithis do ghillean shuas againn agus—do ghillean òg. Agus air Oidhche Shamhna, chaidh 'ad a null gu àite ris an can 'ad, "Cùl Ghleann Bharra", agus tha teansa gu robh dileag aca ach ge b'e gu dé thàinig eadarra [leatha ?], shabaidich 'ad, an dithist aca. Agus bha fear aca, 's e Steven Simon a bh' againn air, ainm innseanaich a bh' ann a Eskasoni, agus cha do dh' éibh 'ad riamh dha ach Steaphan. Leum 'ad air a' chéile air Oidhche Shamhna co dhiubh agus chuala mi fhìn mu dheidhinn agus rinn mi ceathramhan òrain mu dheidhinn sin: 'S tìm dhomh teannadh air òran A chur air dòigh air na fearaibh Gur e Steaphan agus [Benedict?] Air Oidhche Shamhna a tha mi 'cantail Sheas 'ad mu choinneamh a' chéile Thug 'ad na gleusaidh ud seachad Gur a thall aig àite Dhòmhnaill A bha an còmhradh aig na fearaibh Siud far nach robh chulaidh-uabhais An uair a ghluais 'ad gu chéile Bha faclan aca a bha saucy, Cuid dhiubh an Gàidhlig, is pàirt dhiubh am Beurla Gur robh Steaphan, 's e cho diumbach 'S bha anns an Innsean ag éigheachd [Da liom thu gu monachainn ?] Idir ri Stephain bheir thu fhéin às Gun deach fios a-mach dha 'n bhànrighinn Air a bha an t-àite an [?] Chruinnich i réiseimeid làidir [Air sàilleabh/ air sàile, bha?] a' long as cianail [Drubanan/ trooperan ?] a' tighinn dhan àite Los gu laighich far a' chliathaich Gus na réitich 'ad am blàr A bh' aig na tràillean 's a bha ìochdrach Gu robh Dòmhnall an taobh shuas dhiubh 'S an cù ruadh ri shàil Ga leantail a bhruidhinn na faclan am Beurla Rinn 'ad éisteachd ris [is asal/as fhasa?] Gu robh Aileag Eachainn Sheumais 'S e na éiginn aig a' bhaile Leigeil na rionnagan 's na reultan Is cha robh feum ann ach ann [a' laigh dhiubh/claidheamh?]