Òran nan Dòmhnallach à Eilean a' Phrionnsa (le ro-radh)
A’ chiad sreath | First Line
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF196i04N ÒRAN NAN DÒMHNALLACH À EILEAN A' PHRIONNSA (LE RO-RÀDH)
Beulaiche: Gilleasbuig Eòghainn Dhòmhnaill 'ic Aonghais 'ic Aonghais 'ic Iain 'ic Iain 'ic Dhòmhnaill | Archie Dan MacLellan
Bàrd: Màiri Theàrlaich , Bean Alasdair Dhùghlaich | Mary MacPherson
Ach rinn i sin òran eile, bha—'s ann á Eilean—Prince Edward's Island a bha na fir a bha seo. Bha 'm piuthar pòsda 'is dh' eug i, là' riu'. Agus bha ise fuireach shuas bhos chionn—ann an Dùnbheagan a' seo—bhos chionn àite Ruairi Lodaidh Màrtainn. Agus chaidh i sìos gus a' leth-taobh a bha sin—na beinneadh. Agus thug i 'n aire dha 'n t-soitheach seo, 'mach mu coinneamh. Agus nuair fhuair i a-mach cò a bh' ann, rinn i ceathramhan de dh' òran 's thuirt i:
'S chaidh mi sìos gu leth-taobh Mhàrtainn
Rinn mi nochdadh leis an t-sàile
'S ann a chunna mi 'n té bhàn
'S i 'mach mu choinneamh tràigh na Leòdach
'S té bhòidheach nan guaillean geala
Thàinig oirnn bho thìr an Eilein
Air a' robh luchd nan cùl donna
Siud agaibh na gailinn òga
Chan ìongnadh leam sibh bhith dubhach
Coimhead air taigh bàn nan uinneag
Far a' robh ar gaol a' fuireach
'S nach tig idir 'n-diugh nar còmhradh
Fhios agad, 's e piuthar dhiubh a bha seo 's bha i 'n deaghaidh eug.
Chan iongnadh leam sibh bhith crà—mar a tha sibh
Bhith gu dubhach, deurach, cràiteach
A' bhean uasal an deagh nàduir
'S i 's a' chìll gun chàil, gun chòmhradh.
Sin nuair a bha 'ad a' fàgail, 's 'ad a' falbh leis an t-soitheach.
Nuair a thog sibh a' siùil gheala
'Mach gu bàrraibh na cruinn uaine
Sgoltadh bharranan mu guailnean
Iùbhrach Ruairidh 's i bha bòidheach
'S nuair a chaithriseadh fo bréid i
'S i 'n iùbhrach nì a' chuan a reubadh
Mar steud chruidh a' chualach réurach
Ann a' réis air réilean còmhnard
Sin agad an th' agamsa dhe seo. Bha seo mar a bhiodh [riosar?] fhios agad, air an [deigh/déidh?], fhios 'ad, a bha e.
Notes (fieldnotes):
There is a four-line chorus to this song, but is not recorded on this tape.
Reference sources:
Brìgh an Òrain, ed. John Shaw (2001), p. 239